Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 22:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt mise, Ciod a nì mi, a Thighearna? Agus thubhairt an Tighearna rium, Eirich agus imich gu Damascas, agus an sin labhrar riut mu thimcheall nan nithean sin uile a dh’òrdaicheadh dhut a dhèanamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Uime sin chuir mi air ball fios ort; agus is math a rinn thu teachd. Air an adhbhar sin tha sinne uile an seo an làthair ann am fianais Dhè, a dh’èisdeachd nan uile nithean a tha air an àithneadh dhutsa le Dia.

Agus air dha an toirt a‑mach, thubhairt e, A mhaighistirean, ciod as còir dhomh a dhèanamh a‑chum gun tèarnar mi?

A‑nis nuair a chuala iad seo, bha iad air am bioradh nan cridhe, agus thubhairt iad ri Peadar, agus ris a’ chuid eile de na h‑abstoil, Fheara agus a bhràithrean, ciod a nì sinn?

Agus nuair nach bu lèir dhomh tre ghlòir an t‑solais sin, air dhomh a bhith air mo threòrachadh air làimh leòsan a bha maille rium, thàinig mi gu Damascas.

Agus air dhàsan a bhith air chrith agus làn uamhainn, thubhairt e, A Thighearna, ciod as àill leat mise a dhèanamh? Agus thubhairt an Tighearna ris, Eirich, agus rach a‑steach don bhaile, agus innsear dhut ciod as còir dhut a dhèanamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan