Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 22:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Fheara, a bhràithrean, agus athraichean, èisdibh rim dhìon-chainnt ribh a‑nis:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a bheir iad sibh a‑chum nan sionagog, agus nan uachdaran, agus nan daoine cumhachdach, na biodh e na ro‑chùram oirbh cionnas no ciod a fhreagras sibh, no ciod a their sibh:

Air an adhbhar sin daingnichibh nur cridheachan, gun smaoineachadh ro‑làimh ciod a fhreagras sibh air ur son fhèin:

Fheara agus a bhràithrean, a chlann fine Abrahàim, agus a mheud agaibh is air a bheil eagal Dhè, is ann dur n‑ionnsaigh-se a chuireadh facal na slàinte seo.

Agus tharraing iad a‑mach Alecsander as an t‑sluagh, air a bhith do na h‑Iùdhaich ga iomain romhpa. Agus smèid Alecsander le a làimh, agus b’àill leis a leisgeul a ghabhail ris an t‑sluagh.

Agus air dearcadh do Phòl air a’ chomhairle, thubhairt e, Fheara agus a bhràithrean, anns an uile dheagh chogais chaith mise mo bheatha a‑thaobh Dhè gus an là‑an‑diugh.

Ach nuair a thuig Pòl gu robh cuid dhiubh nan Sadusaich, agus a’ chuid eile nam Pharasaich, ghlaodh e anns a’ chomhairle, Fheara agus a bhràithrean, is Pharasach mise, mac Pharasaich: is ann as leth dòchas agus aiseirigh nam marbh a tha mi air mo thoirt am breitheanas.

An sin air don uachdaran smèideadh air Pòl e a labhairt, fhreagair esan, Is mò mo mhisneach gu freagairt air mo shon fhèin, gu bheil fhios agam gu robh thusa rè mòran bhliadhnachan ad bhritheamh air a’ chinneach seo:

Don tug mise am freagradh seo, Chan e gnàth nan Ròmanach duine sam bith a thoirt thairis a‑chum bàis, gus am bi aig an neach a tha air agairt a luchd-casaid aghaidh ri aghaidh, agus gum bi cothrom aige air e fhèin a shaoradh on choire a chuireadh as a leth.

Nuair a fhreagair esan ga shaoradh fhèin, Cha do rinn mi cionta sam bith an aghaidh lagh nan Iùdhach, no an aghaidh an teampaill, no an aghaidh Chèasair.

Agus air dha a bhith a’ labhairt nan nithean seo air a shon fhèin, thubhairt Festus le guth àrd, Tha thu air mhì-chèill, a Phòil: tha mòr-fhòghlam gad chur air bhoile.

Agus thàrladh, an dèidh trì làithean, gun do ghairm Pòl maithean nan Iùdhach an ceann a chèile. Agus nuair a chruinnicheadh iad, thubhairt e riu, Fheara agus a bhràithrean, ged nach do rinn mise nì sam bith an aghaidh a’ phobaill, no gnàthannan nan athraichean, thugadh thairis mi am phrìosanach o Ierusalem do làmhan nan Ròmanach.

Agus thubhairt esan, Fheara, a bhràithrean, agus athraichean, èisdibh. Dh’fhoillsicheadh Dia na glòire dar n‑athair Abrahàm, nuair a bha e ann am Mesopotàmia, mun do ghabh e còmhnaidh ann an Haran.

Muinntir a tha a’ nochdadh obair an lagha sgrìobhte nan cridheachan, air a bhith dan cogais a’ dèanamh fianais leo, agus an smuaintean eatorra fhèin gan agairt, no a’ gabhail an leisgeil:)

Is e seo mo fhreagradh don dream a chuireas ceist orm:

A‑rìs, a bheil sibh a’ saoilsinn gu bheil sinne a’ gabhail ar leisgeil ribh? Tha sinn a’ labhairt am fianais Dhè ann an Crìosd: ach tha an t‑iomlan, a chàirdean, a‑chum ur fòghlaim-se.

Oir feuch, an nì seo fhèin, doilgheas diadhaidh a bhith oirbh, ciod e meud an dùrachd a dh’obraich e annaibh, seadh, ciod an glanadh oirbh fhèin, seadh, ciod an ro‑dhiomb, seadh, ciod an t‑eagal, seadh, ciod an dian-thogradh, seadh, ciod an t‑eud, seadh, ciod an togradh dìoghaltais? Anns gach nì dhearbh sibh sibh fhèin a bhith glan anns a’ chùis seo.

Ach an dream eile o ghràdh, air dhaibh fios a bhith aca gun do chuireadh mise gu seasamh airson an t‑soisgeil.

Eadhon mar as còir dhomh seo a smaoineachadh umaibh uile, do bhrìgh gu bheil sibh agam ann am chridhe, agus gu bheil sibh uile nur luchd co‑roinn dem ghràs-sa, araon ann am ghèimhlean, agus ann an seasamh airson, agus ann an daingneachadh, an t‑soisgeil.

Aig mo chiad fhreagradh cha robh aon neach leam, ach thrèig na h‑uile mi: nar agrar orra e.

Ach naomhaichibh an Tighearna Dia nur cridheachan: agus bithibh ullamh a‑ghnàth a‑chum freagradh a thoirt, maille ri ceannsachd agus eagal, do gach uile dhuine a dh’iarras oirbh reuson an dòchais a tha annaibh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan