Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 21:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chrìochnaich sinn ar turas o Thìrus, thàinig sinn gu Ptolemais, agus chuir sinn fàilte air na bràithrean, agus dh’fhan sinn aon là maille riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus ma chuireas sibh fàilte air ur bràithrean fhèin a‑mhàin, ciod a tha sibh a’ dèanamh thar chàich? Nach eil na cìs-mhaoir fhèin a’ dèanamh an nì cheudna?

Agus anns na làithean sin dh’èirich Peadar ann am meadhon nan deisciobal, agus thubhairt e (b’e àireamh nan ainm a bha an làthair, mu thimcheall ceud agus fichead).

Agus bha fearg mhòr air Herod ri muinntir Thìruis agus Shìdoin: ach thàinig iadsan a dh’aon inntinn da ionnsaigh, agus air dhaibh Blastus, seòmradair an rìgh, a thoirt air an crann, dh’iarr iad sìth; do bhrìgh gu robh an tìr air a beathachadh le tìr an rìgh.

Agus thàinig e gu tìr aig Cesarèa, agus air dha dol suas agus fàilte a chur air an eaglais, chaidh e sìos gu Antioch.

Agus aig fantainn dhuinn mòran làithean an sin, thàinig a‑nuas o Iudèa fàidh àraidh dom b’ainm Agabus.

Agus nuair a thàinig sinn gu Ierusalem, ghabh na bràithrean rinn gu subhach.

Agus air dhàsan fàilte a chur orra, chuir e an cèill dhaibh fa leth na nithean a rinn Dia le a mhinistrealachd-san am measg nan Cinneach.

Agus air dhuinn teachd an sealladh Chìpruis, agus fhàgail air an làimh chlì, sheòl sinn gu Siria, agus thàinig sinn gu tìr aig Tìrus: oir is ann an sin a bha an long gus a luchd a chur a‑mach.

Air dol do làithean àraidh seachad, thàinig Agripa an rìgh agus Bernice gu Cesarèa a chur fàilte air Festus.

Agus nuair a chaidh sinn air tìr aig Siracuse, dh’fhan sinn an sin trì làithean.

Cuiribh fàilte orrasan uile a tha nan cinn-iùil dhuibh, agus air na naoimh uile. Tha muinntir na h‑Eadailt a’ cur fàilte oirbh.

Agus cuiridh iad fàilte ort, agus bheir iad dhut dà bhuileann arain, agus gabhaidh tu as an làimh iad.

Agus cho luath is a chuir e crìoch air an ìobairt-loisgte a thoirt suas, feuch, thàinig Samuel; agus chaidh Saul a‑mach na choinneamh a‑chum gum beannaicheadh e dha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan