Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 21:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an dèidh dhuinn ar cead a ghabhail da chèile, chaidh sinn air bòrd na luinge; agus thill iadsan dan taighean fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus dh’èirich e, agus chaidh e a dh’ionnsaigh a athar. Ach air dha a bhith fhathast fada uaithe, chunnaic a athair e, agus ghabh e truas mòr dheth, agus ruith e, agus thuit e air a mhuineal, agus phòg e e.

Thàinig e a dh’ionnsaigh a dhùthcha fhèin, agus cha do ghabh a mhuinntir fhèin ris.

Feuch, thig an t‑àm, seadh, tha e cheana air teachd, anns an sgapar o chèile sibh, gach aon ga ionad fhèin, agus am fàg sibh mise am aonar: gidheadh chan eil mise am aonar, oir tha an t‑Athair maille rium.

An sin thubhairt e ris an deisciobal, Feuch do mhàthair! Agus on àm sin a‑mach thug an deisciobal sin leis i da thaigh fhèin.

Agus dh’imich gach aon da thaigh fhèin.

Cha robh fois agam ann am spiorad, do bhrìgh nach d’fhuair mi Tìtus mo bhràthair: ach air gabhail mo chead dhiubh, dh’imich mi o sin do Mhacedònia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan