Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 21:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air dhuinn deisciobail fhaotainn, dh’fhan sinn an sin seachd làithean: muinntir a thubhairt ri Pòl tre an Spiorad, gun e a dhol suas gu Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus ge bè air bith cathair no baile don tèid sibh a‑steach, feòraichibh cò a tha na dheagh-airidh innte; agus fanaibh an sin gus am fàg sibh an t‑àite sin.

Agus air dha a fhaotainn, thug e leis e gu Antioch. Agus thàrladh gu robh iad rè bliadhna iomlain air an cruinneachadh maille ris an eaglais, agus gun do theagaisg iad sluagh mòr. Agus ghoireadh Crìosdaidhean de na deisciobail air tùs ann an Antioch.

Agus thàrladh, nuair a bha Apollos ann an Corintus, air do Phòl dol tro na crìochan uachdarach, gun tàinig e gu Ephesus. Agus air faotainn dheisciobal àraidh,

Agus chaidh mar an ceudna maille rinn cuid de na deisciobail o Chesarèa, a’ toirt leo Mhnasoin o Chìprus, seann deisciobal àraidh, aig an robh sinn gu bhith air aoidheachd.

Air dhuinn bràithrean fhaotainn an sin, chuireadh impidh oirnn leo fantainn seachd làithean maille riu: agus mar sin thriall sin a‑chum na Ròimhe.

Oir nochdaidh mise dha cia mòr na nithean as èiginn dha fhulang air sgàth m’ainme-sa.

Ach nuair a bha e anns an Ròimh dh’iarr e a‑mach mi gu dìcheallach, agus fhuair e mi.

Bha mi anns an Spiorad air là an Tighearna, agus chuala mi air mo chùlaibh guth mòr, mar ghuth trompaid,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan