Gnìomharan 21:34Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus ghlaodh aon chuid am measg an t‑sluaigh aon nì, agus cuid eile nì eile: agus nuair nach robh e an comas dha cinnteachd na cùise a thuigsinn airson na h‑àrd-bhruidhne, dh’òrdaich e esan a thoirt don chaisteal. Faic an caibideil |
Agus air an là màireach, air dha a bhith togarrach air fios cinnteach fhaotainn ciod i a’ choire a bha na h‑Iùdhaich a’ cur as a leth, dh’fhuasgail e e o a chuibhrichean, agus dh’àithn e do na h‑àrd-shagartan agus dan comhairle uile teachd an làthair, agus air dha Pòl a thoirt sìos, chuir e nam fianais e.