Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 21:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air dhuinn teachd an sealladh Chìpruis, agus fhàgail air an làimh chlì, sheòl sinn gu Siria, agus thàinig sinn gu tìr aig Tìrus: oir is ann an sin a bha an long gus a luchd a chur a‑mach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

An sin chuir Daibhidh freiceadain ann an Siria Dhamascais: agus bha na Sirianaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad leo tìodhlacan: agus ghlèidh an Tighearna Daibhidh gach taobh a chaidh e.

Thig eadhon nighean Thìruis le tìodhlac; aslaichidh daoine saoibhir an t‑sluaigh do dheagh-ghean.

Cuimhnichidh mi Rahab agus Bàbel dhaibhsan don aithne mi; feuch, Pailistin agus Tìrus, maille ri Etiopia; rugadh am fear seo an sin.

Agus dh’innseadh do thaigh Dhaibhidh, ag ràdh, Tha Siria ann an co‑bhainn ri Ephraim; agus bha a chridhe air a ghluasad, agus cridhe a shluaigh, mar a ghluaisear craobhan na coille ron ghaoith.

Is an‑aoibhinn dhut, a Chorasin; is an‑aoibhinn dhut, a Bhetsaida: oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus agus ann an Sìdon, is fada on a rinn iad aithreachas ann an sac-aodach agus an luaithre.

Agus chaidh a chliù air feadh Shiria uile, agus thug iad da ionnsaigh iadsan uile a bha easlan, agus a bha air an cuibhreachadh le galaran, agus iomadh gnè phiantan, agus iadsan aig an robh deamhain annta, agus air an robh an tuiteamach, agus luchd-pairilis; agus shlànaich e iad.

Is an‑aoibhinn dhut, a Chorasin! Is an‑aoibhinn dhut, a Bhetsaida! Oir nam biodh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus agus ann an Sìdon, is fad on a dhèanadh iad aithreachas, nan suidhe ann an sac-aodach agus ann an luaithre.

(Agus rinneadh an ciad mheas seo nuair a bha Cirenius na uachdaran air Siria.)

A‑nis chaidh iadsan a sgapadh a‑mach leis an àmhghar a dh’èirich airson Stèphein gu ruig Phenice, agus Cìprus, agus Antioch, gun am facal a labhairt ri aon neach ach ris na h‑Iùdhaich a‑mhàin.

Agus bha fearg mhòr air Herod ri muinntir Thìruis agus Shìdoin: ach thàinig iadsan a dh’aon inntinn da ionnsaigh, agus air dhaibh Blastus, seòmradair an rìgh, a thoirt air an crann, dh’iarr iad sìth; do bhrìgh gu robh an tìr air a beathachadh le tìr an rìgh.

Mar sin air dhaibhsan a bhith air an cur a‑mach leis an Spiorad Naomh, chaidh iad sìos gu Seleucia; agus o sin sheòl iad gu Cìprus.

Agus sgrìobh iad litrichean leo air an dòigh seo, Tha na h‑abstoil, agus na seanairean, agus na bràithrean, a’ cur beannachd a‑chum nam bràithrean de na Cinnich a tha ann an Antioch, agus ann an Siria, agus ann an Cilicia:

Dh’èirich uime sin connspaid eatorra cho dian is gun do sgaradh o chèile iad: agus mar sin thug Barnabas leis Marcus, agus chaidh e air luing gu Cìprus;

Agus shiubhail e tro Shiria agus Chilicia, a’ daingneachadh nan eaglaisean.

Agus dh’fhan Pòl fhathast ùine mhath anns a’ bhaile sin, agus an sin an dèidh a chead a ghabhail de na bràithrean, chaidh e air luing o sin gu Siria, agus maille ris-san Priscila agus Acuila; an dèidh a cheann a bhearradh ann an Cenchrèa, oir bha bòid air.

Agus chaidh mar an ceudna maille rinn cuid de na deisciobail o Chesarèa, a’ toirt leo Mhnasoin o Chìprus, seann deisciobal àraidh, aig an robh sinn gu bhith air aoidheachd.

Agus air dhuinn long fhaotainn a bha a’ gabhail thairis gu Phenicia, chaidh sinn air bòrd, agus sheòl sinn romhainn.

Agus nuair a chrìochnaich sinn ar turas o Thìrus, thàinig sinn gu Ptolemais, agus chuir sinn fàilte air na bràithrean, agus dh’fhan sinn aon là maille riu.

Agus air dhuinn stiùradh as a sin, sheòl sinn fo Chìprus, a chionn gu robh na gaothan nar n‑aghaidh.

Agus air do fhearann a bhith aig Ioses den do ghoireadh leis na h‑abstoil Barnabas (is e sin, air eadar-theangachadh, Mac na Comhfhurtachd), Lèbhitheach, dom bu dùthaich Cìprus;

Agus rinn clann Israeil a‑rìs olc ann an sùilean an Tighearna, agus rinn iad seirbhis do Bhàalim, agus do Astarot, agus do dhiathan Shiria, agus do dhiathan Shìdoin, agus do dhiathan Mhòaib, agus do dhiathan chloinn Amoin, agus do dhiathan nam Philisteach; agus thrèig iad an Tighearna, agus cha do rinn iad seirbhis dha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan