Agus bearraidh an Nàsarach ceann a dhealachaidh, aig doras pàillean a’ choitheanail; agus gabhaidh e gruag-cinn a dhealachaidh agus cuiridh e i anns an teine a tha fo ìobairt nan tabhartas-sìthe.
Agus dh’fhan Pòl fhathast ùine mhath anns a’ bhaile sin, agus an sin an dèidh a chead a ghabhail de na bràithrean, chaidh e air luing o sin gu Siria, agus maille ris-san Priscila agus Acuila; an dèidh a cheann a bhearradh ann an Cenchrèa, oir bha bòid air.
Agus rinneadh mi do na h‑Iùdhaich mar Iùdhach, a‑chum gun cosnainn na h‑Iùdhaich; dhaibhsan a tha fon lagh, mar dhuine fon lagh, a‑chum gun cosnainn iadsan a tha fon lagh;