An sin dh’fhan a’ chuideachd uile nan tosd, agus thug iad èisdeachd do Bharnabas agus do Phòl, ag innse meud nan comharraidhean agus nam mìorbhailean a rinn Dia leòsan am measg nan Cinneach.
An sin chunnacas iomchaidh do na h‑abstoil, agus do na seanairean, maille ris an eaglais uile, daoine taghte dhiubh fhèin a chur gu Antioch, maille ri Pòl agus Barnabas; eadhon, Iùdas don co‑ainm Barsabas, agus Silas, daoine inbheach am measg nam bràithrean:
Ghlaodh uime sin cuid dhiubh aon nì, agus cuid nì eile: oir bha an coitheanal troimhe chèile, agus cha robh fhios aig a’ chuid a bu mhò carson a thàinig iad cuideachd.
Agus chuala iad umadsa, gu bheil thu a’ teagasg do na h‑Iùdhaich uile a tha am measg nan Cinneach, Maois a thrèigsinn, ag ràdh riu nach còir dhaibh an clann a thimcheall-ghearradh, no gluasad a rèir nan gnàth.
Ciod mas eadh? Nì mi ùrnaigh leis an spiorad, agus nì mi ùrnaigh leis an tuigse mar an ceudna: seinnidh mi leis an spiorad, agus seinnidh mi leis an tuigse mar an ceudna.