Ach dh’èirich Ionah suas gu teicheadh do Tharsis o fhianais an Tighearna; agus chaidh e sìos gu Iopa; agus fhuair e long a’ dol gu Tarsis, agus phàigh e an luach-aisig, agus chaidh e sìos innte, gu dol leo gu Tarsis, o làthair an Tighearna.
A‑nis chaidh iadsan a sgapadh a‑mach leis an àmhghar a dh’èirich airson Stèphein gu ruig Phenice, agus Cìprus, agus Antioch, gun am facal a labhairt ri aon neach ach ris na h‑Iùdhaich a‑mhàin.
Agus air dhaibh a bhith air an toirt air an aghaidh leis an eaglais, chaidh iad tro Phenice, agus Shamaria, a’ cur an cèill iompachadh nan Cinneach: agus thug iad aoibhneas mòr do na bràithrean uile.
Agus air dhuinn teachd an sealladh Chìpruis, agus fhàgail air an làimh chlì, sheòl sinn gu Siria, agus thàinig sinn gu tìr aig Tìrus: oir is ann an sin a bha an long gus a luchd a chur a‑mach.