Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 21:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air an ath là, chaidh Pòl maille rinn a dh’ionnsaigh Sheumais; agus bha na seanairean uile an làthair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Ach neach air bith eile de na h‑abstoil chan fhaca mi, ach Seumas, bràthair an Tighearna.

Agus nuair a thuig Seumas, agus Cèphas, agus Eòin, a tha air am meas nam puist, an gràs a thugadh dhomh, thug iad dhòmhsa agus do Bharnabas deaslàmh a’ chomainn; a‑chum gun rachamaid a‑chum nan Cinneach, agus iad fhèin a‑chum an timcheall-ghearraidh.

Agus an dèidh dhaibh a bhith nan tosd, fhreagair Seumas, ag ràdh. Fheara agus a bhràithrean, èisdibh riumsa:

Nì mar an ceudna a rinn iad, agus chuir iad e a‑chum nan seanairean le làimh Bharnabais agus Shauil.

Tha Seumas, seirbhiseach Dhè, agus an Tighearna Iosa Crìosd, a’ cur beannachd a‑chum an dà‑threubh-dheug a tha air an sgapadh o chèile.

Agus chuir e fios o Mhiletus gu Ephesus, agus ghairm e da ionnsaigh seanairean na h‑eaglais.

Agus sgrìobh iad litrichean leo air an dòigh seo, Tha na h‑abstoil, agus na seanairean, agus na bràithrean, a’ cur beannachd a‑chum nam bràithrean de na Cinnich a tha ann an Antioch, agus ann an Siria, agus ann an Cilicia:

Agus thàinig na h‑abstoil agus na seanairean an ceann a chèile a dh’fheuchainn mun chùis seo.

Uime sin air do Phòl agus do Bharnabas connsachadh agus deasbaireachd nach bu bheag a bhith aca riu, dh’òrdaich iad Pòl agus Barnabas, agus dream àraidh eile dhiubh fhèin, a dhol suas a‑chum nan abstol agus nan seanairean gu Ierusalem mu thimcheall na ceiste seo.

Ach air dhàsan smèideadh orra le a làimh iad a bhith nan tosd, chuir e an cèill dhaibh cionnas a thug an Tighearna as a’ phrìosan e. Agus thubhairt e, Innsibh na nithean seo do Sheumas agus do na bràithrean. Agus air dol a‑mach dha, chaidh e gu àit eile.

Agus is iad seo ainmean an dà‑abstol-dheug; an ciad fhear, Sìmon den goirear Peadar, agus Anndras a bhràthair, Seumas mac Shebede, agus Eòin a bhràthair;

Oir faodaidh tu fios fhaotainn, nach mò na dà‑là‑dheug o chaidh mi suas gu Ierusalem a dhèanamh adhraidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan