Agus air seasamh suas do aon dhiubh dom b’ainm Agabus, dh’fhoillsich e tron Spiorad gum biodh gorta mhòr air feadh an domhain uile: nì mar an ceudna a thachair ri linn Chlaudiuis Chèasair.
Oir chuir Pòl roimhe seòladh seach Ephesus, a‑chum nach tàrladh dha moille a dhèanamh anns an Asia: oir rinn e cabhag a‑chum nam faodadh e a bhith ann an Ierusalem air là na Caingis.
Agus air dhuinn deisciobail fhaotainn, dh’fhan sinn an sin seachd làithean: muinntir a thubhairt ri Pòl tre an Spiorad, gun e a dhol suas gu Ierusalem.
Agus nuair a chrìochnaich sinn ar turas o Thìrus, thàinig sinn gu Ptolemais, agus chuir sinn fàilte air na bràithrean, agus dh’fhan sinn aon là maille riu.