Agus air dhuinn dealachadh riùsan, sheòl sinn romhainn, agus thàinig sinn gu dìreach gu Coos, agus air an là màireach gu Rodos, agus as a sin gu Patara:
Agus thàrladh air là àraidh gun deachaidh e fhèin agus a dheisciobail a‑steach do luing: agus thubhairt e riu, Rachamaid thairis gu taobh thall an loch. Agus chuir iad a‑mach o thìr.
Agus air dhuinn dol air luing le Adramitium, thog sinn ar siùil, a’ cur romhainn seòladh seachad air crìochan na h‑Asia, air do Aristarchus, Macedònach o Thesalonìca, a bhith maille rinn.
Ach air dhuinne, a bhràithrean, a bhith air ar dealachadh uaibhse rè tamaill bhig ann am pearsa, ach chan ann an cridhe, is ro‑mhò a rinn sinn dìcheall air ur n‑aghaidh fhaicinn le mòr-thogradh.