Agus sheòl sinn o Philipi, an dèidh làithean an arain neo-ghortaichte, agus thàinig sinn dan ionnsaigh-san gu Tròas ann an còig làithean, far an d’fhan sinn seachdain.
Fèill an arain neo-ghortaichte cumaidh tu: seachd làithean ithidh tu aran neo-ghortaichte, mar a dh’àithn mi dhut, anns an àm shuidhichte den mhìos Abib; oir anns a’ mhìos sin thàinig thu a‑mach as an Eiphit: agus cha tig neach air bith am làthair-sa falamh:
Fèill an arain neo-ghortaichte cumaidh tu: seachd làithean ithidh tu aran neo-ghortaichte, mar a dh’àithn mi dhut ann an àm a’ mhìos Abib; oir anns a’ mhìos Abib thàinig thu a‑mach as an Eiphit.
Agus nuair a chunnaic e gun do thaitinn sin ris na h‑Iùdhaich, chaidh e air aghaidh a ghlacadh Pheadair mar an ceudna. (Agus b’iad làithean an arain neo-ghortaichte a bha ann.)
Agus nuair a chunnaic e an sealladh, air ball dh’iarr sinn dol thairis gu Macedònia, a’ dearbh-thuigsinn gun do ghairm an Tighearna sinn a‑chum an soisgeul a shearmonachadh dhaibh.
Oir chuir Pòl roimhe seòladh seach Ephesus, a‑chum nach tàrladh dha moille a dhèanamh anns an Asia: oir rinn e cabhag a‑chum nam faodadh e a bhith ann an Ierusalem air là na Caingis.
Agus air dhuinn deisciobail fhaotainn, dh’fhan sinn an sin seachd làithean: muinntir a thubhairt ri Pòl tre an Spiorad, gun e a dhol suas gu Ierusalem.
Agus air an là màireach, air dhuinne a bha de chuideachd Phòil imeachd, thàinig sinn gu Cesarèa; agus chaidh sinn a‑steach do thaigh Philip an soisgeulaiche (a bha den t‑seachdnar), agus dh’fhan sinn aige.
Pòl agus Timòteus, seirbhisich Iosa Crìosd, a‑chum nan naomh uile ann an Iosa Crìosd, a tha ann am Philipi, maille ris na h‑easbaigean agus ris na dèaconan:
Ach fòs air dhuinn fulang roimhe, agus an dèidh ar maslachaidh ann am Philipi, mar as aithne dhuibh, bha dànachd againn nar Dia soisgeul Dhè a labhairt ribhse ann am mòr-ghleac.