Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 20:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh na chuideachd gu Asia, Sopater o Bherèa; agus de mhuinntir Thesalonìca, Aristarchus agus Secundus; agus Gaius o Dherbe, agus Timòteus; agus de mhuinntir na h‑Asia, Tichicus agus Trophimus.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

Ach air seasamh do na deisciobail ma thimcheall, dh’èirich e, agus chaidh e a‑steach don bhaile; agus air an là màireach dh’imich e maille ri Barnabas gu Derbe.

Nuair a thuig iadsan seo, theich iad gu Listra agus Derbe, bailtean de Licaonia, agus a‑chum na dùthcha mun cuairt:

An sin thàinig e gu Derbe agus Listra: agus, feuch, bha deisciobal àraidh an sin, dom b’ainm Timòteus, mac mnà àraidh den chinneach Iùdhach a bha na creidmheach; ach bu Ghreugach a b’athair dha:

A‑nis nuair a chaidh iad tro Phrigia, agus tìr Ghalàtia, agus a bhacadh dhaibh leis an Spiorad Naomh am facal a labhairt ann an Asia,

A‑nis air dhaibh imeachd tro Amphipolis, agus Apolònia, thàinig iad gu Tesalonìca, far an robh sionagog aig na h‑Iùdhaich:

Ach nuair a thuig na h‑Iùdhaich o Thesalonìca gun do shearmonaicheadh facal Dhè le Pòl ann am Berèa, thàinig iad an sin mar an ceudna, a’ brosnachadh an t‑sluaigh.

Agus bha am baile uile air a lìonadh le mì‑riaghailt. Agus ruith iad a dh’aon toil a‑chum àite-cruinneachaidh an t‑sluaigh, a’ tarraing leo Ghaiuis agus Aristarchuis, Macedònaich, luchd co‑thurais Phòil.

Partaich, agus Medich, agus Elamaich, agus luchd-àiteachaidh Mhesopotamia, Iudèa, agus Chapadòcia, Phontuis, agus Asia,

Oir chuir Pòl roimhe seòladh seach Ephesus, a‑chum nach tàrladh dha moille a dhèanamh anns an Asia: oir rinn e cabhag a‑chum nam faodadh e a bhith ann an Ierusalem air là na Caingis.

Agus nuair a thàinig iad da ionnsaigh, thubhairt e riu, Tha fhios agaibh cionnas a bha mi nur measg anns an uile aimsir, on chiad là a thàinig mi don Asia,

(Oir chunnaic iad Trophimus an t‑Ephèsianach roimhe sin anns a’ bhaile maille ris, agus shaoil iad gun tug Pòl a‑steach don teampall e.)

Agus air dhuinn dol air luing le Adramitium, thog sinn ar siùil, a’ cur romhainn seòladh seachad air crìochan na h‑Asia, air do Aristarchus, Macedònach o Thesalonìca, a bhith maille rinn.

Tha Timòteus mo cho-obraiche a’ cur fàilte oirbh, agus Lucius agus Iàson agus Sosipater, mo luchd-dàimhe.

Tha Gaius, a tha a’ toirt aoidheachd dhòmhsa agus don eaglais uile, a’ cur fàilte oirbh. Tha Erastus, stiùbhard a’ bhaile, a’ cur fàilte oirbh, agus Cuartus, bràthair.

Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, agus Timòteus, ar bràthair, a‑chum eaglais Dhè a tha ann an Corintus, maille ris na h‑uile naoimh a tha ann an Achaia uile:

Oir Mac Dhè, Iosa Crìosd, a shearmonaicheadh nur measg-se leinne, eadhon leamsa, agus le Siluanus, agus le Timòteus, cha robh e na sheadh agus na chan eadh, ach annsan bha seadh.

Ach a‑chum gum bi fhios agaibhse mar an ceudna air na nithean a bhuineas dhòmhsa, agus ciod a tha mi a’ dèanamh, foillsichidh Tichicus, bràthair gràdhach agus ministear fìrinneach anns an Tighearna, na h‑uile nithean dhuibh:

Ach tha dòchas agam anns an Tighearna Iosa, Timòteus a chur gu goirid dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum bi mise mar an ceudna ann an deagh mhisnich, air dhomh fios fhaotainn ciod as cor dhuibhse.

Tha Aristarchus mo cho-phrìosanach a’ cur fàilte oirbh, agus Marcus, mac peathar do Bharnabas (mun d’fhuair sibh àitheantan; ma thig e dur n‑ionnsaigh, gabhaibh ris);

Foillsichidh Tichicus, bràthair gràdhach, agus ministear dìleas, agus co‑sheirbhiseach anns an Tighearna, gach nì dhuibh mum thimcheall-sa:

Pòl, abstol Iosa Crìosd, a rèir àithne Dhè ar Slànaighear, agus an Tighearna Iosa Crìosd, neach as e ar dòchas;

Gu Timòteus, mo mhac gràdhach: gràs, tròcair, agus sìth o Dhia an t‑Athair, agus o Iosa Crìosd ar Tighearna.

Ach chuir mi Tichicus gu Ephesus.

Dh’fhan Erastus ann an Corintus: ach dh’fhàg mi Trophimus gu tinn ann am Miletum.

Nuair a chuireas mi Artèmas ad ionnsaigh, no Tichicus, dèan dìcheall air teachd am ionnsaigh gu Nicopolis: oir is ann an sin a chuir mi romham an geamhradh a chaitheamh.

Marcus, Aristarchus, Dèmas, Lùcas, mo cho-luchd-obrach, a’ cur fàilte ort.

An seanair a‑chum Ghaiuis ghràdhaich, as ionmhainn leam anns an fhìrinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan