Leig dhuinn dol, guidheamaid ort, gu Iòrdan, agus bheir gach fear againn sail as a sin, agus nì sinn dhuinn fhèin an sin àite gu còmhnaidh a ghabhail ann. Agus fhreagair esan, Rachaibh.
Agus bha am baile uile air a lìonadh le mì‑riaghailt. Agus ruith iad a dh’aon toil a‑chum àite-cruinneachaidh an t‑sluaigh, a’ tarraing leo Ghaiuis agus Aristarchuis, Macedònaich, luchd co‑thurais Phòil.
Nochd mi na h‑uile nithean dhuibh, gur ann le saothrachadh mar seo as còir dhuibh còmhnadh a dhèanamh riùsan a tha anfhann; agus briathran an Tighearna Iosa a chuimhneachadh, mar a thubhairt e, Tha e nas beannaichte nì a thoirt na a ghabhail.
Agus ri saothair, ag obrachadh le ar làmhan fhèin: air fulang ana-cainnt dhuinn, tha sinn a’ beannachadh: nuair a gheur-leanar sinn tha sinn ga fhulang:
Oir is cuimhne leibh, a bhràithrean, ar saothair, agus ar sgìos: oir air dhuinn a bhith ri obair a dh’oidhche agus a là, a‑chum nach cuireamaid trom air neach sam bith agaibh, shearmonaich sinn dhuibh soisgeul Dhè.