Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 20:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air dha dol tro na crìochan sin, agus mòr-earalachadh a dhèanamh orra, thàinig e don Ghrèig;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Oir lùb mi dhomh fhèin Iùdah, lìon mi am bogha le Ephraim; agus togaidh mi suas do mhic-sa, O Shioin, an aghaidh do mhac-sa, O Ghrèig, agus nì mi thu mar chlaidheamh duine cumhachdaich.

Agus ag earalachadh mòran de nithean eile, shearmonaich e don t‑sluagh.

A’ neartachadh anaman nan deisciobal, agus ag earalachadh orra buanachadh anns a’ chreideamh, agus a’ teagasg gur ann tre iomadh àmhghar as èiginn dhuinn dol a‑steach do rìoghachd Dhè.

Agus shiubhail e tro Shiria agus Chilicia, a’ daingneachadh nan eaglaisean.

Agus o sin gu Philipi, ciad bhaile na cuid sin de Mhacedònia, agus b’ùr threabhachas e: agus bha sinn a chòmhnaidh anns a’ bhaile sin làithean àraidh.

A‑nis air dhaibh imeachd tro Amphipolis, agus Apolònia, thàinig iad gu Tesalonìca, far an robh sionagog aig na h‑Iùdhaich:

Agus air ball chuir na bràithrean Pòl agus Silas anns an oidhche gu Berèa: agus air teachd dhaibhsan an sin, chaidh iad a‑steach do shionagog nan Iùdhach.

Agus le mòran de bhriathran eile rinn e fianais agus dh’earalaich e iad, ag ràdh, Saoraibh sibh fhèin on ghinealach fhiar seo.

Agus an dèidh don choghàir sgur, ghairm Pòl na deisciobail da ionnsaigh, agus air dha a chead a ghabhail dhiubh, thriall e gu dol do Mhacedònia.

Agus air dol suas dha a‑rìs, bhris e aran agus dh’ith e, agus labhair e riu rè ùine fhada, eadhon gu teachd na maidne, agus mar sin dh’fhalbh e.

Agus dh’fhan e an sin trì mìosan: agus nuair a bha na h‑Iùdhaich ri feall-fhalach air a shon, agus e air tì dol air luing do Shiria, chuir e roimhe tilleadh tro Mhacedònia.

Gidheadh thig mi dur n‑ionnsaigh gu h‑aithghearr, mas toil leis an Tighearna, agus bidh fhios agam, chan ann air cainnt na muinntir a tha air an sèideadh suas, ach air an cumhachd.

Neach a tha sinne a’ searmonachadh, a’ toirt rabhaidh do gach duine, agus a’ teagasg gach uile dhuine anns an uile ghliocas; a‑chum gun nochd sinn gach uile dhuine na làthair-san iomlan ann an Iosa Crìosd:

Mar as aithne dhuibh cionnas a dh’earailich sinn, agus a thug sinn comhfhurtachd, agus a chuir sinn impidh air gach aon agaibh fa leth (mar a nì athair ra chloinn),

Oir cha robh ar n‑earail o mhealltaireachd, no o neòghlaine, no ann an ceilg:

Os bàrr, matà, a bhràithrean, cuireamaid a dh’impidh agus a dh’athchuing oirbh tre an Tighearna Iosa, mar a fhuair sibh uainne cionnas as còir dhuibh imeachd, agus Dia a thoileachadh, gum meudaicheadh sibh mar sin nas mò agus nas mò.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan