Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 20:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug iad leo an t‑òganach agus e beò, agus rinn iad gàirdeachas nach bu bheag.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

A‑nis gun tugadh ar Tighearna Iosa Crìosd e fhèin, agus Dia, eadhon ar n‑Athair-ne, a ghràdhaich sinn, agus a thug dhuinn sòlas sìorraidh, agus dòchas math tre ghràs,

A‑nis guidheamaid oirbh, a bhràithrean, thugaibh rabhadh dhaibhsan a tha mì‑riaghailteach, thugaibh comhfhurtachd dhaibhsan a tha lag-chridheach, cumaibh suas iadsan a tha anfhann, bithibh foighidinneach a‑thaobh nan uile dhaoine.

A tha a’ toirt comhfhurtachd dhuinne nar n‑uile àmhghar, a‑chum sinn a bhith comasach air comhfhurtachd a thoirt dhaibhsan a tha ann an àmhghar sam bith, leis a’ chomhfhurtachd leis a bheil sinn fhèin a’ faotainn comhfhurtachd o Dhia.

Uime sin thugaibh comhfhurtachd da chèile, agus togaibh suas gach aon a chèile, eadhon mar tha sibh a’ dèanamh.

Uime sin thugaibh comhfhurtachd da chèile leis na briathran seo.

Agus chuir sinn Timòteus, ar bràthair agus ministear Dhè, agus ar co‑obraiche ann an soisgeul Chrìosd, a‑chum sibhse a dhaingneachadh, agus comhfhurtachd a thoirt dhuibh mu thimcheall ur creidimh;

Neach a chuir mi dur n‑ionnsaigh airson an adhbhair seo fhèin, a‑chum gum biodh fios nan nithean a bhuineas dhuinne agaibh, agus gun tugadh e comhfhurtachd dur cridhe.

Thugaibh comhfhurtachd, thugaibh comhfhurtachd dom shluagh-sa, deir ur Dia.

Agus air dol suas dha a‑rìs, bhris e aran agus dh’ith e, agus labhair e riu rè ùine fhada, eadhon gu teachd na maidne, agus mar sin dh’fhalbh e.

Agus air dhuinne imeachd air thoiseach a‑chum na luinge, sheòl sinn gu Asos, fo rùn Pòl a ghabhail a‑steach an sin: oir is ann mar sin a dh’òrdaich e, a’ cur roimhe gun imicheadh e fhèin da chois.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan