Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 2:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Partaich, agus Medich, agus Elamaich, agus luchd-àiteachaidh Mhesopotamia, Iudèa, agus Chapadòcia, Phontuis, agus Asia,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

34 Iomraidhean Croise  

Clann Sheim: Elam, agus Asur, agus Arphacsad, agus Lud, agus Aram.

Agus thàrladh ann an làithean Amrapheil rìgh Shinair, Arioich rìgh Elasair, Chedorlaòmeir rìgh Elaim, agus Thidail rìgh nan cinneach;

Agus ghabh an seirbhiseach deich càmhail de chàmhail a mhaighistir, agus dh’fhalbh e; oir bha maoin a mhaighistir uile aige fo a làimh: agus dh’èirich e, agus chaidh e gu Mesopotamia, gu baile Nahoir.

Ann an naoidheamh bliadhna Hosèah ghlac rìgh Asiria Samaria, agus thug e leis Israel do Asiria, agus shuidhich e iad ann an Halah, agus ann an Habor làimh ri abhainn Ghosain, agus ann am bailtean nam Mèdeach.

Agus nuair a chunnaic clann Amoin gun do rinn iad iad fhèin gràineil do Dhaibhidh, chuir Hanun agus clann Amoin mìle tàlann airgid a thuarasdalachadh charbad agus marc-shluaigh dhaibh à Mesopotamia, agus à Siria-maachah, agus à Sobah.

Agus fhuaireadh ann an Achmeta, anns an lùchairt a tha ann am mòr-roinn nam Mèdach, clàr, agus mar seo bha sgrìobhte ann gu bhith air a chumail air chuimhne:

Agus tàrlaidh anns an là sin, gun cuir an Tighearna a‑mach a làmh a‑rìs an dara uair, a thoirt air ais fuidheall a shluaigh, a dh’fhàgar dhiubh, o Asiria, agus on Eiphit, agus o Phatros, agus o Chus, agus o Elam, agus o Shinar, agus o Hamat, agus o innsean na fairge.

Dh’fhoillsicheadh sealladh eagalach dhomh; tha an cealgair a’ caitheamh foill, agus tha am fear-creachaidh a’ creachadh. Rach suas, O Elaim; teannaich, O Mhedia; chuir mise crìoch air a h‑uile osnaich.

PERES, roinneadh do rìoghachd, agus thugadh i do na Mèdaich agus do na Persaich.

Agus chunnaic mi ann an aisling (agus thàrladh nuair a chunnaic mi, gu robh mi ann an Susan, an lùchairt, a tha ann am mòr-roinn Elaim), agus chunnaic mi ann an aisling, agus bha mi aig abhainn Ulai.

An reithe a chunnaic thu, aig an robh dà adhairc, is iad sin rìghrean Mhedia agus Phersia.

A‑nis nuair a chaidh iad tro Phrigia, agus tìr Ghalàtia, agus a bhacadh dhaibh leis an Spiorad Naomh am facal a labhairt ann an Asia,

Agus fhuair e Iùdhach àraidh dom b’ainm Acuila, a rugadh ann am Pontas, air ùr‑theachd as an Eadailt, maille ra mhnaoi Priscila (a chionn gun d’òrdaich Claudius do na h‑Iùdhaich uile an Ròimh fhàgail), agus thàinig e dan ionnsaigh.

Agus rinneadh seo rè dà bhliadhna: air chor is gun cuala luchd-àiteachaidh na h‑Asia uile, eadar Iùdhaich agus Ghreugaich, facal an Tighearna Iosa.

Air chor is nach e a‑mhàin gu bheil e an cunnart gun dèanar tàir air ar ceàird; ach mar an ceudna gun cuirear teampall na ban-dè mòire Diàna ann an suarachas, agus gun claoidhear a mòrachd-se, dom bheil an Asia uile agus an domhan a’ dèanamh adhraidh.

Agus mar an ceudna chuir cuid de uachdarain na h‑Asia, a bha nan càirdean dha, fios da ionnsaigh, a’ guidhe air nach rachadh e gu àite-cruinneachaidh an t‑sluaigh.

Agus cionnas a tha sinne gan cluinntinn gach aon nar cànain fhèin, anns an do rugadh sinn?

Oir chuir Pòl roimhe seòladh seach Ephesus, a‑chum nach tàrladh dha moille a dhèanamh anns an Asia: oir rinn e cabhag a‑chum nam faodadh e a bhith ann an Ierusalem air là na Caingis.

Agus nuair a thàinig iad da ionnsaigh, thubhairt e riu, Tha fhios agaibh cionnas a bha mi nur measg anns an uile aimsir, on chiad là a thàinig mi don Asia,

Agus chaidh na chuideachd gu Asia, Sopater o Bherèa; agus de mhuinntir Thesalonìca, Aristarchus agus Secundus; agus Gaius o Dherbe, agus Timòteus; agus de mhuinntir na h‑Asia, Tichicus agus Trophimus.

Agus nuair a bha na seachd làithean ach beag air an coileanadh, air do na h‑Iùdhaich on Asia esan fhaicinn anns an teampall, bhrosnaich iad am poball uile, agus chuir iad làmh ann.

Air a seo fhuair Iùdhaich àraidh on Asia mi air mo ghlanadh anns an teampall, gun sluagh, agus gun bhuaireas;

Agus air dhuinn dol air luing le Adramitium, thog sinn ar siùil, a’ cur romhainn seòladh seachad air crìochan na h‑Asia, air do Aristarchus, Macedònach o Thesalonìca, a bhith maille rinn.

An sin dh’èirich dream àraidh den t‑sionagog, ris an abrar sionagog nan Libertineach agus nan Cirènianach, agus de mhuinntir Alecsandria, agus na dream o Chilicia, agus on Asia, a’ deasbaireachd ri Stèphen.

Agus thubhairt esan, Fheara, a bhràithrean, agus athraichean, èisdibh. Dh’fhoillsicheadh Dia na glòire dar n‑athair Abrahàm, nuair a bha e ann am Mesopotàmia, mun do ghabh e còmhnaidh ann an Haran.

Mar an ceudna cuiribh fàilte air an eaglais a tha nan taigh. Cuiribh fàilte air Epenetas as ionmhainn leamsa, neach as e ciad-thoradh Achaia do Chrìosd.

Tha eaglaisean na h‑Asia a’ cur fàilte oirbh. Tha Acuila agus Priscila, maille ris an eaglais a tha nan taigh, a’ cur mòr-fhàilte oirbh anns an Tighearna.

Oir cha b’àill leinn, a bhràithrean, sibhse a bhith an‑fhiosrach mu thimcheall ar n‑àmhghair a thachair dhuinn anns an Asia, gun do bhruthadh sinn gu ro‑mhòr thar ar neart ionnas gu robh sinn fo amharas eadhon mu ar beatha:

A chionn nach do choinnich iad sibh le aran agus le uisge air an t‑slighe, nuair a thàinig sibh a‑mach as an Eiphit, agus a chionn gun do thuarasdalaich iad ad aghaidh Balàam mac Bheoir, o Phetor na Mesopotamia, a‑chum do mhallachadh.

Tha fhios seo agad, gun do thill iadsan uile a tha anns an Asia uamsa; dem bheil Phigellus agus Hermogenes.

Peadar, abstol Iosa Crìosd, a‑chum nan coigreach a tha air an sgapadh tre Phontus, Ghalàtia, Chapadòcia, Asia, agus Bhitinia,

Ag ràdh, Is mise Alpha agus Omega, an ciad neach agus an neach deireannach: agus sgrìobh-sa ann an leabhar an nì a chì thu, agus cuir e a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; a‑chum Ephesuis, agus a‑chum Smirna, agus a‑chum Phergamois, agus a‑chum Thiatìra, agus a‑chum Shardis, agus a‑chum Philadelphia, agus a‑chum Laodicèa.

Eòin, a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; gràs dhuibh, agus sìth on Tì a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd; agus o na seachd spioradan a tha am fianais a rìgh-chathrach-san;

Uime sin, las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil, agus reic e iad do làimh Chusan-risataim rìgh Mhesopotamia: agus rinn clann Israeil seirbhis do Chusan-risataim ochd bliadhna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan