Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 2:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cionnas a tha sinne gan cluinntinn gach aon nar cànain fhèin, anns an do rugadh sinn?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

A‑chum a bheartan iongantach a dhèanamh aithnichte do chloinn nan daoine, agus glòir mòralachd a rìoghachd.

Agus bha Sacharias, a athair, air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, agus rinn e fàidheadaireachd, ag ràdh,

Agus bha iad uile fo uamhas agus ghabh iad iongantas, ag ràdh ri chèile, Feuch, nach Galilèaich iad sin uile a tha a’ labhairt?

Partaich, agus Medich, agus Elamaich, agus luchd-àiteachaidh Mhesopotamia, Iudèa, agus Chapadòcia, Phontuis, agus Asia,

Agus chuir Dia dream àraidh anns an eaglais, air tùs abstoil, anns an dara àite fàidhean, anns an treas àite luchd-teagaisg, a‑rìs mìorbhailean, na dhèidh sin tìodhlacan leighis, luchd-cuideachaidh, uachdaranachdan, iomadh gnè theanga.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan