Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 2:44

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha iadsan uile a chreid ann an aon àite, agus bha na h‑uile nithean aca coitcheann;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus bha aig a’ chuideachd a chreid aon chridhe, agus aon anam: agus cha mhò a thubhairt neach air bith dhiubh gum bu leis fhèin aon nì a shealbhaich e; ach bha na h‑uile nithean coitcheann aca.

Reic e e, agus thug e an t‑airgead leis, agus chuir e aig casan nan abstol e.

Agus cheil e cuid den luach, le fios a mhnà, agus air dha cuid àraidh a thoirt leis, chuir e aig casan nan abstol e.

Am feadh a dh’fhuirich e gun reic, nach bu leat fhèin e? Agus an dèidh a reic nach robh e nad chomas fhèin? Carson a smaoinich thu ann ad chridhe an gnìomh seo? Cha do rinn thu breug do dhaoine, ach do Dhia.

Oir is aithne dhuibh gràs ar Tighearna Iosa Crìosd, ged a bha e saoibhir, gidheadh gun do rinneadh bochd e air ur son-se, a‑chum gum biodh sibhse saoibhir tre a bhochdainn-san.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan