Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a chreideas annam-sa, na h‑obraichean a tha mise a’ dèanamh, nì esan mar an ceudna; agus nì e obraichean as mò na iad seo, do bhrìgh gu bheil mise a’ dol a‑chum m’Athar.
Chaidh Sìmon Peadar suas, agus tharraing e an lìon gu tìr, làn de èisg mhòra, ceud agus lethcheud agus trì: agus ged bha an uiread sin ann, cha do bhriseadh an lìon.
Agus anns na làithean sin dh’èirich Peadar ann am meadhon nan deisciobal, agus thubhairt e (b’e àireamh nan ainm a bha an làthair, mu thimcheall ceud agus fichead).
Agus nuair a chuala na Cinnich seo, rinn iad gàirdeachas, agus ghlòraich iad facal an Tighearna: agus chreid a mheud is a bha òrdaichte a‑chum na beatha maireannaich.
A‑nis nuair a chuala iad seo, bha iad air am bioradh nan cridhe, agus thubhairt iad ri Peadar, agus ris a’ chuid eile de na h‑abstoil, Fheara agus a bhràithrean, ciod a nì sinn?
Biodh gach anam umhail do na h‑àrd-chumhachdan. Oir chan eil cumhachd ann ach o Dhia: agus na cumhachdan a tha ann, is ann le Dia a dh’òrdaicheadh iad.
Agus rinneadh sibh nur luchd-leanmhainn oirnne, agus air an Tighearna, nuair a ghabh sibh ris an fhacal ann am mòr-àmhghar, le aoibhneas an Spioraid Naoimh:
A bha o shean eas-umhail, nuair a dh’fheith fad-fhulangas Dhè aon uair ann an làithean Nòah, am feadh a bha àirc ga h‑ullachadh, anns an robh beagan, sin ri ràdh, ochd anaman, air an tèarnadh tre uisge.