Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 2:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus lìonadh iad uile leis an Spiorad Naomh, agus thòisich iad air labhairt le teangaidhean eile, a rèir mar a thug an Spiorad comas labhairt dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

55 Iomraidhean Croise  

Labhair spiorad an Tighearna tromhamsa, agus a fhacal air mo theangaidh.

Oir le beul manntach, agus le teangaidh choimhich, labhraidh e ris an t‑sluagh seo.

Agus air mo shon-sa, seo mo choicheangal riu, deir an Tighearna: Mo Spiorad a tha ortsa, agus mo bhriathran a chuir mi ann ad bheul, cha dealaich iad rid bheul, no ri beul do shliochd, no ri beul sliochd do shliochd, deir an Tighearna, on àm seo eadhon gu sìorraidh.

Air an adhbhar sin tha mise làn de chorraich an Tighearna: tha mi sgìth ga cumail a‑steach: dòirtidh mi a‑mach i air a’ chloinn anns na sràidean, agus air an òigridh a tha cruinn le chèile: seadh, glacar am fear, agus fòs a’ bhean, an t‑aosda, maille ris an tì bhios làn de làithean.

Agus falbh, imich a dh’ionnsaigh na muinntir a tha ann am bruid, gu cloinn do shluaigh, agus labhair riu, agus innis dhaibh, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, co aca a dh’èisdeas iad no nach èisd.

Ach gu deimhinn tha mise làn cumhachd, le spiorad an Tighearna, agus de bhreitheanas, agus de neart; a leigeadh ris a easaontais do Iàcob, agus a pheacaidh do Israel.

Ach nuair a bheir iad an làimh sibh, na biodh e na ro‑chàs oirbh cionnas no ciod a labhras sibh; oir bheirear dhuibh, anns an uair sin fhèin, an nì a labhras sibh.

Agus leanaidh na comharraidhean seo an dream a chreideas: Ann am ainm-sa tilgidh iad a‑mach deamhain; labhraidh iad le teangan nuadha;

Oir bidh e mòr an làthair an Tighearna, agus chan òl e fìon no deoch làidir; agus bidh e air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, eadhon o bhroinn a mhàthar.

Agus thàrladh nuair a chuala Elisabet beannachadh Mhuire, gun do leum an naoidhean na broinn: agus lìonadh Elisabet leis an Spiorad Naomh.

Agus bha Sacharias, a athair, air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, agus rinn e fàidheadaireachd, ag ràdh,

Oir teagaisgidh an Spiorad Naomh dhuibh, anns an uair sin fhèin, na nithean as còir dhuibh a ràdh.

Oir bheir mise dhuibh beul agus gliocas, nach bi ur naimhdean uile comasach air labhairt no cur na aghaidh.

Agus air do Iosa a bhith làn den Spiorad Naomh, thill e air ais o Iòrdan, agus threòraicheadh e leis an Spiorad don fhàsach,

Ach an Comhfhurtair, an Spiorad Naomh, a chuireas an t‑Athair uaithe ann am ainm-sa, teagaisgidh esan dhuibh na h‑uile nithean, agus cuiridh e an cuimhne dhuibh na h‑uile nithean a labhair mise ribh.

Agus air dha seo a ràdh, shèid e orra, agus thubhairt e riu, Gabhaibh-se an Spiorad Naomh.

Oir bhaist Eòin gu deimhinn le uisge: ach baistear sibhse leis an Spiorad Naomh, air bheag làithean an dèidh seo.

Ach gheibh sibh cumhachd nuair a thig an Spiorad Naomh oirbh: agus bidh sibh nur fianaisean dhòmhsa, araon ann an Ierusalem, agus ann an Iudèa uile, agus ann an Samaria, agus gu iomall na talmhainn.

Oir chuala iad iad a’ labhairt le teangaidhean, agus ag àrd-mholadh Dhè. An sin fhreagair Peadar,

Am faod neach sam bith uisge a thoirmeasg, a‑chum nach rachadh iad seo a bhaisteadh, a fhuair an Spiorad Naomh, cho math rinne?

Agus nuair a thòisich mi air labhairt, thùirling an Spiorad Naomh orrasan, mar oirnne air tùs.

Oir bha e na dhuine math, agus làn den Spiorad Naomh, agus de chreideamh. Agus chuireadh sluagh mòr ris an Tighearna.

Agus bha na deisciobail air an lìonadh le aoibhneas, agus leis an Spiorad Naomh.

An sin air a bhith do Shaul (den goirear Pòl) làn den Spiorad Naomh, agus ag amharc gu geur air,

Agus rinn an Dia don aithne an cridhe fianais dhaibh, a’ tabhairt an Spioraid Naoimh dhaibh, mar a thug e dhuinne;

Agus air do Phòl a làmhan a chur orra, thàinig an Spiorad Naomh orra; agus labhair iad le teangaidhean, agus rinn iad fàidheadaireachd.

Muinntir Chrete, agus Aràbia, tha sinn gan cluinntinn a’ labhairt nar teangaidhean fhèin gnìomharan mòralach Dhè.

Agus dh’fhoillsicheadh dhaibh teangaidhean sgoilte, mar de theine, agus shuidh e air gach aon dhiubh fa leth:

Agus air dhaibh ùrnaigh a dhèanamh, chrathadh an t‑àite anns an robh iad cruinn; agus lìonadh iad uile leis an Spiorad Naomh, agus labhair iad facal Dhè le dànachd.

An sin air do Pheadar a bhith air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, thubhairt e riu, Uachdarana a’ phobaill, agus a sheanairean Israeil,

Uime sin, a bhràithrean, iarraibh a‑mach nur measg seachdnar dhaoine fo dheagh iomradh, làn den Spiorad Naomh agus de ghliocas, a chuireas sinne os cionn an dreuchd seo.

Agus bha a’ chainnt seo taitneach an làthair na mòr-chuideachd uile: agus thagh iad Stèphen, duine làn de chreideamh, agus den Spiorad Naomh, agus Philip, agus Prochoras, agus Nicanor, agus Timon, agus Parmenas, agus Nicolas, proseliteach de mhuinntir Antioch;

Agus rinn Stèphen, làn de chreideamh agus de chumhachd, mìorbhailean agus comharraidhean mòra am measg an t‑sluaigh.

Ach air dhàsan a bhith làn den Spiorad Naomh, dh’amhairc e gu geur suas gu nèamh, agus chunnaic e glòir Dhè, agus Iosa na sheasamh air deaslàimh Dhè;

An sin chuir iad an làmhan orra, agus fhuair iad an Spiorad Naomh.

Agus dh’imich Ananias, agus chaidh e a‑steach don taigh; agus chuir e a làmhan air, agus thubhairt e, A Shauil, a bhràthair, chuir an Tighearna (eadhon Iosa a dh’fhoillsicheadh dhutsa anns an t‑slighe air an tàinig thu), mise a‑chum gum faigheadh tu do fhradharc, agus gum biodh tu air do lìonadh leis an Spiorad Naomh.

A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.

Do neach eile obrachadh mhìorbhailean; do neach eile fàidheadaireachd; do neach eile aithneachadh spiorad; do neach eile iomadh gnè theanga; agus do neach eile eadar-mhìneachadh theanga.

Ged labhrainn le teangaidhean dhaoine agus aingeal, agus gun ghràdh agam, tha mi am umha a nì fuaim, no am chiombal a nì gleangarsaich.

Cha tèid an gràdh air cùl a‑chaoidh: ach mas fàidheadaireachdan a tha ann, thèid iad air cùl; mas teangaidhean, sguiridh iad; mas eòlas, cuirear air cùl e.

Tha mi a’ toirt buidheachais dom Dhia gu bheil mi a’ labhairt le teangaidhean tuilleadh na sibh uile:

Bu mhath leam gun labhradh sibh uile le teangaidhean, ach b’fheàrr leam sibh a dhèanamh fàidheadaireachd, oir is mò an tì a nì fàidheadaireachd na an tì a labhras le teangaidhean, mura eadar-theangaich e, a‑chum gum faigheadh an eaglais fòghlam.

Agus air gràdh Chrìosd aithneachadh, a chaidh thar gach uile eòlas, a‑chum gum bi sibh air ur lìonadh le uile lànachd Dhè.

Agus na bithibh air mhisg le fìon, anns a bheil anabarr; ach bithibh air ur lìonadh den Spiorad:

A’ dèanamh ùrnaigh a‑ghnàth leis gach uile ghnè ùrnaigh agus aslachaidh anns an Spiorad, agus a’ dèanamh faire a‑chum an nì seo fhèin maille ris gach uile bhuanachadh, agus ghuidhe airson nan naomh uile;

Muinntir don d’fhoillsicheadh nach b’ann dhaibh fhèin, ach dhuinne, a fhritheil iad na nithean a tha a‑nis air an cur an cèill dhuibh leòsan a shearmonaich an soisgeul dhuibh leis an Spiorad Naomh a chuireadh a‑nuas o nèamh; nithean air am miann leis na h‑ainglean beachdachadh.

Oir cha tàinig an fhàidheadaireachd a rèir toil duine o shean: ach labhair daoine naomha Dhè, mar a sheòladh iad leis an Spiorad Naomh.

Agus thubhairt Eli rithe, Cia fhada a bhios tu air mhisg? Cuir air falbh d’fhìon uat.

Agus thàinig e o sin don chnoc; agus, feuch, choinnich cuideachd fhàidhean e; agus thùirling spiorad Dhè air, agus rinn e fàidheadaireachd nam measg.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan