Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 2:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fhoillsicheadh dhaibh teangaidhean sgoilte, mar de theine, agus shuidh e air gach aon dhiubh fa leth:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an Tighearna, Feuch, is aon sluagh a tha ann, agus aon teanga aca uile; agus thòisich iad air seo a dhèanamh: agus a‑nis cha bhacar dhiubh nì air bith a smaoinich iad a dhèanamh.

Sgrios, a Thighearna, agus roinn an teanga, oir chunnaic mi fòirneart agus connsachadh anns a’ bhaile.

Agus thubhairt mi, Mo thruaighe mise! Oir chaidh as dhomh; oir is duine mi aig a bheil bilean neòghlan, agus am measg sluaigh aig a bheil bilean neòghlan tha mi am chòmhnaidh; oir chunnaic mo shùilean an Rìgh, Tighearna nan sluagh.

Nach ionann m’fhacal-sa agus teine? deir an Tighearna; agus nach ionann e agus òrd a bhriseas a’ chreag na bloighdean?

Gu deimhinn tha mise gur baisteadh le uisge a‑chum aithreachais; ach an tì a thig am dhèidh, is cumhachdaiche e na mi, agus chan airidh mise air a bhrògan a ghiùlan: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine:

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Leig don chùis a bhith mar seo a‑nis: oir mar seo is iomchaidh dhuinn gach uile fhìreantachd a choileanadh. An sin dh’fhuiling e dha.

Agus thubhairt iad ri chèile, Nach robh ar cridhe a’ lasadh annainn, am feadh a bha e a’ labhairt rinn air an t‑slighe, agus nuair a dh’fhosgail e dhuinn na sgriobtairean?

Agus anns na làithean sin dh’èirich Peadar ann am meadhon nan deisciobal, agus thubhairt e (b’e àireamh nan ainm a bha an làthair, mu thimcheall ceud agus fichead).

Muinntir Chrete, agus Aràbia, tha sinn gan cluinntinn a’ labhairt nar teangaidhean fhèin gnìomharan mòralach Dhè.

Agus thàinig gu h‑obann toirm o nèamh, mar shèideadh gaoithe ro‑thrèin, agus lìon i an taigh uile far an robh iad nan suidhe.

Agus lìonadh iad uile leis an Spiorad Naomh, agus thòisich iad air labhairt le teangaidhean eile, a rèir mar a thug an Spiorad comas labhairt dhaibh.

Do neach eile obrachadh mhìorbhailean; do neach eile fàidheadaireachd; do neach eile aithneachadh spiorad; do neach eile iomadh gnè theanga; agus do neach eile eadar-mhìneachadh theanga.

Agus is teine an teanga, saoghal de aingidheachd: mar sin tha an teanga air a suidheachadh am measg ar ball, ionnas gun salaich i an corp gu h‑iomlan, agus gun las i cùrsa nàdair; agus i fhèin air a lasadh o ifrinn.

Agus bheir mise cumhachd dom dhithis fhianaisean, agus nì iad fàidheadaireachd rè mìle agus dà cheud agus trì-fichead là, èidichte ann an sac-aodach.

Agus chunnaic mi aingeal eile, ag itealaich ann am meadhon nèimh, aig an robh an soisgeul sìorraidh ri shearmonachadh dhaibhsan a tha nan còmhnaidh air an talamh, agus do gach uile chinneach, agus threubh, agus theangaidh, agus shluagh,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan