Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 2:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig gu h‑obann toirm o nèamh, mar shèideadh gaoithe ro‑thrèin, agus lìon i an taigh uile far an robh iad nan suidhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Falbh a‑mach, agus seas air an t‑sliabh an làthair an Tighearna. Agus, feuch, ghabh an Tighearna seachad, agus reub gaoth mhòr agus làidir na beanntan, agus bhris i na creagan nam bloighdean ron Tighearna, ach cha robh an Tighearna anns a’ ghaoith; agus an dèidh na gaoithe crith-thalmhainn, ach cha robh an Tighearna anns a’ chrith-thalmhainn;

Agus mharcaich e air cerub, agus chaidh e air iteig, agus dh’itealaich e air sgiathan na gaoithe.

Eirich, a ghaoth tuath, agus thig a ghaoth a deas, sèid air feadh mo liosa, rachadh fàile cùbhraidh a spìosraidh a‑mach. Thigeadh m’annsachd da lios, agus itheadh e a thoradh taitneach.

Agus tàrlaidh, mun gairm iad, freagraidh mi; agus am feadh a bhios iad fòs a’ labhairt, èisdidh mi.

Feuch, cuiridh mise a‑mach mo theachdaire, agus ullaichidh e an t‑slighe romham; agus thig an Tighearna a tha sibh ag iarraidh gu a theampall gu grad; eadhon teachdaire a’ choicheangail, anns a bheil ur tlachd; feuch thig esan, deir Tighearna nan sluagh.

Agus air ball bha maille ris an aingeal cuideachd mhòr de armailtean nèimh, a’ moladh Dhè, agus ag ràdh,

Tha a’ ghaoth a’ sèideadh far an àill leatha, agus tha thu a’ cluinntinn a fuaim, ach chan eil fhios agad cia as a tha i a’ teachd, no càit a bheil i a’ dol: is ann mar sin a tha gach neach a tha air a bhreith on Spiorad.

Agus dh’fhoillsicheadh dhaibh teangaidhean sgoilte, mar de theine, agus shuidh e air gach aon dhiubh fa leth:

A‑nis, nuair a sgaoileadh an t‑iomradh seo, thàinig an sluagh an ceann a chèile, agus bha iad fo amhluadh, do bhrìgh gun cuala gach aon iad a’ labhairt nan cànain fhèin.

Agus air dhaibh ùrnaigh a dhèanamh, chrathadh an t‑àite anns an robh iad cruinn; agus lìonadh iad uile leis an Spiorad Naomh, agus labhair iad facal Dhè le dànachd.

Muinntir don d’fhoillsicheadh nach b’ann dhaibh fhèin, ach dhuinne, a fhritheil iad na nithean a tha a‑nis air an cur an cèill dhuibh leòsan a shearmonaich an soisgeul dhuibh leis an Spiorad Naomh a chuireadh a‑nuas o nèamh; nithean air am miann leis na h‑ainglean beachdachadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan