Uime sin ma chruinnicheas an eaglais uile anns an aon àit, agus ma labhras iad uile le teangaidhean coimheach, agus gun tig dream a tha gun fhòghlam a‑steach, no daoine mì‑chreidmheach, nach abair iad gu bheil sibh air a’ chuthach?
Agus bidh Ephraim mar ghaisgeach; agus nì an cridhe gàirdeachas mar le fìon: seadh, chì an clann, agus bidh iad ait; nì an cridhe gàirdeachas anns an Tighearna.
Nì Tighearna nan sluagh an dìon; agus ithidh iad, agus ceannsaichidh iad le clachan-tabhaill: agus òlaidh iad, agus nì iad iolach mar le fìon; agus lìonar iad mar chupain, mar oiseanan na h‑altarach.
Agus anns a’ bheinn seo nì an Tighearna do na h‑uile chinnich cuirm de nithean blasda, cuirm de fhìon aosda, de nithean blasda làn de smior, de fhìon aosda air a dheagh tharraing.