Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 2:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha iad uile fo uamhas, agus ann an ioma-chomhairle, ag ràdh gach aon ri chèile, Ciod as ciall dha seo?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thàrladh, nuair a chrìochnaich Iosa na briathran seo, gun do ghabh am poball iongantas ra theagasg-san:

Oir bha eagal Eòin air Herod, air dha fios a bhith aige gum bu duine ceart agus naomh e, agus thug e fa‑near e; agus nuair a chuala e e, rinn e mòran de nithean air a chomhairle, agus dh’èisd e ris gu toileach.

Agus ghairm e da ionnsaigh aon de na h‑òglaich, agus dh’fhiosraich e ciod a bu chiall do na nithean sin.

Agus air cluinntinn an t‑sluaigh a’ dol seachad, dh’fheòraich e ciod e seo.

A‑nis nuair a bha Peadar fo amharas ann fhèin ciod a bu chiall don t‑sealladh a chunnaic e, feuch, bha na daoine a chuireadh o Chornelius, an dèidh dhaibh taigh Shìmoin iarraidh, nan seasamh aig an doras,

Oir tha thu a’ toirt nithean àraidh neo-ghnàthach a‑chum ar cluasan: b’àill leinn uime sin fios fhaotainn ciod as ciall dhaibh sin.

Muinntir Chrete, agus Aràbia, tha sinn gan cluinntinn a’ labhairt nar teangaidhean fhèin gnìomharan mòralach Dhè.

Agus bha iad uile fo uamhas agus ghabh iad iongantas, ag ràdh ri chèile, Feuch, nach Galilèaich iad sin uile a tha a’ labhairt?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan