Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 2:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Muinntir Chrete, agus Aràbia, tha sinn gan cluinntinn a’ labhairt nar teangaidhean fhèin gnìomharan mòralach Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

36 Iomraidhean Croise  

A thuilleadh air na fhuair e o na ceannaichean, agus o mhalairt an luchd-spìosraidh, agus o uile rìghrean Aràbia, agus o uachdarain na tìre.

Agus thug cuid de na Philistich tìodhlacan do Iehosaphat, agus airgead cìse: mar an ceudna thug na h‑Arabaich da ionnsaigh sprèidh, seachd mìle agus seachd ceud reithe, agus seachd mìle agus seachd ceud boc-goibhre.

Agus chuidich Dia leis an aghaidh nam Philisteach, agus an aghaidh nan Arabach a bha nan còmhnaidh ann an Gur-bàal, agus nan Amonach.

A tha a’ dèanamh nithean mòra, nach bi e an comas fhaghail a‑mach, agus nithean iongantach nach gabh àireamh.

O gum moladh daoine an Tighearna airson a mhaitheis, agus airson a bheartan iongantach do chloinn nan daoine!

O gum moladh daoine an Tighearna airson a mhaitheis, agus airson a bheartan iongantach do chloinn nan daoine!

O gum moladh daoine Dia airson a mhaitheis, agus airson a bheartan iongantach do chloinn nan daoine!

Chuir e a ghnìomharan iongantach air chuimhne; gràsmhor agus truacanta tha an Tighearna.

Dhàsan na aonar a nì iongantasan mòra, oir gu bràth mairidh a thròcair;

A‑chum gum foillsich mi le guth molaidh agus gun cuir mi an cèill d’obraichean iongantach gu lèir.

Is lìonmhor, a Thighearna mo Dhia, na nithean a rinn thu! D’obraichean iongantach agus do smuaintean dar taobh-ne, chan eil e an comas a chur sìos an òrdagh dhut; nochdainn agus chuirinn an cèill iad, ach tha iad nas lìonmhoire na gun gabh iad àireamh.

O Dhè, theagaisg thu mi om òige, agus gu ruige seo chuir mi d’obraichean iongantach an cèill.

Cuimhnichidh mi obraichean an Tighearna; gu deimhinn, cuimhnichidh mi d’iongantasan on aimsir chèin;

Cha cheil sinn air an cloinn iad, a’ foillseachadh cliù an Tighearna don àl a tha ri teachd, agus a neart agus a obraichean iongantach a rinn e;

Molaidh na nèamhan d’iongantasan, a Thighearna; mar an ceudna d’fhìrinn ann an coitheanal nan naomh.

Cuiribh an cèill am measg nan cinneach a ghlòir, am measg gach sluaigh a iongantasan-san.

Cò as cosmhail riutsa am measg nan diathan, a Thighearna? Cò a tha cosmhail riut, glòrmhor ann an naomhachd, uamhasach ann am moladh, a’ dèanamh nithean iongantach?

Chan àitichear gu bràth i, cha mhò a ghabhar còmhnaidh innte air feadh linn nan linn; cha suidhich an t‑Arabach bùth an sin; cha mhò a nì buachaillean buaile an sin.

An fhàistneachd mu thimcheall Aràbia. Anns an fhrìth ann an Aràbia gabhaidh sibh tàmh, a chuideachdan-siubhail Dhedanim.

O Thighearna is tu mo Dhia; àrdaichidh mi thu, molaidh mi d’ainm; oir rinn thu nithean iongantach; is tairisneachd agus fìrinn do chomhairlean o shean.

Tha seo fòs a’ teachd o Thighearna nan sluagh: tha esan iongantach ann an comhairle, òirdheirc ann an gnìomh.

Agus do uile rìghrean Aràbia, agus do uile rìghrean an t‑sluaigh mheasgte tha a chòmhnaidh anns an fhàsach;

Tog do shùilean suas ris na h‑ionadan àrda, agus, feuch, cia an t‑àite anns nach do thruailleadh thu? Shuidh thu gam feitheamh anns na slighean, mar an t‑Arabach anns an fhàsach; agus shalaich thu am fearann led strìopachas, agus led dhroch-bheairt.

Phrigia, agus Phamphilia, na h‑Eiphit, agus crìochan na Libia timcheall Chirène, agus coigrich on Ròimh, Iùdhaich agus proselitich.

Agus bha iad uile fo uamhas, agus ann an ioma-chomhairle, ag ràdh gach aon ri chèile, Ciod as ciall dha seo?

Agus a chionn gu robh an caladh neo-iomchaidh gus an geamhradh a chaitheamh ann, b’i comhairle na cuid a bu mhò seòladh as a sin mar an ceudna, agus nam faodadh iad air chor sam bith teachd gu Phenice, caladh de Chrete a tha ag amharc a‑chum an iar-dheas, agus an iar-thuath, agus fantainn rè a’ gheamhraidh an sin.

Agus nuair a shèid a’ ghaoth a deas gu ciùin, shaoil iad gun d’fhuair iad an rùn, agus a’ togail an seòl dhaibh, stiùir iad ri taobh Chrete.

Agus nuair a sheòl sinn gu mall rè mòran làithean, agus a thàinig sinn air èiginn fa chomhair Chnidais, a chionn nach do leig a’ ghaoth leinn, sheòl sinn fo Chrete, fa chomhair Shalmone;

Do neach eile obrachadh mhìorbhailean; do neach eile fàidheadaireachd; do neach eile aithneachadh spiorad; do neach eile iomadh gnè theanga; agus do neach eile eadar-mhìneachadh theanga.

Agus chuir Dia dream àraidh anns an eaglais, air tùs abstoil, anns an dara àite fàidhean, anns an treas àite luchd-teagaisg, a‑rìs mìorbhailean, na dhèidh sin tìodhlacan leighis, luchd-cuideachaidh, uachdaranachdan, iomadh gnè theanga.

Cha mhò a chaidh mi suas do Ierusalem, a‑chum na muinntir sin a bha nan abstoil romham; ach chaidh mi do Aràbia, agus a‑rìs thàinig mi air m’ais gu Damascas.

Oir is i Agar beinn Shinài ann an Aràbia, agus tha i a’ co‑fhreagradh do Ierusalem a tha a‑nis ann, agus tha i fo dhaorsa maille ra cloinn.

Thubhairt neach àraidh dhiubh fhèin, eadhon fàidh dhiubh fhèin, Is breugairean a‑ghnàth na Crètich, droch fhiadh-bheathaichean, builg mhall.

Air a shon seo dh’fhàg mi thu ann an Crete, a‑chum gun cuireadh tu an òrdagh na nithean a dh’fhàgadh gun dèanamh, agus gun suidhicheadh tu seanairean anns gach baile, a rèir mar a dh’àithn mise dhut.

Air a bhith do Dhia a’ dèanamh co‑fhianais leo, araon le comharraidhean agus le iongantasan, agus le feartan eugsamhail, agus le tìodhlacan an Spioraid Naoimh, a rèir a thoile fhèin?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan