Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 2:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Phrigia, agus Phamphilia, na h‑Eiphit, agus crìochan na Libia timcheall Chirène, agus coigrich on Ròimh, Iùdhaich agus proselitich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

34 Iomraidhean Croise  

Agus bha gorta anns an tìr: agus chaidh Abram sìos don Eiphit, gu bhith air chuairt an sin; do bhrìgh gu robh a’ ghorta mòr anns an tìr.

Agus anns gach mòr-roinn, agus anns gach baile, ge bè àite don tàinig àithne an rìgh agus a òrdagh, bha aoibhneas agus gàirdeachas aig na h‑Iùdhaich, cuirm, agus là math. Agus dh’fhàs mòran de shluagh na tìre nan Iùdhaich: oir thuit eagal nan Iùdhach orra.

Rachaibh air ur n‑eich, agus bithibh air mhire-chatha; air na carbadan, agus rachadh na fir-chogaidh a‑mach: na h‑Etiopaich, agus na Libianaich a ghlacas an sgiath, agus na Lidianaich a ghlacas agus a chuireas air lagh am bogha.

An Eiphit, agus Iùdah, agus Edom, agus clann Amoin, agus Mòab, agus na h‑uile a tha anns na ceàrnan iomallach, a tha a chòmhnaidh anns an fhàsach: oir tha na cinnich seo uile neo-thimcheall-gheàrrte, agus tha taigh Israeil uile neo-thimcheall-gheàrrte nan cridhe.

Etiopia, agus Libia, agus Lidia, agus an sluagh co‑measgte gu lèir, agus Chub, agus muinntir na tìre a tha an co‑bhoinn, tuitidh leòsan leis a’ chlaidheamh.

Ach bidh cumhachd aige os cionn nan ionmhasan òir agus airgid, agus os cionn uile nithean rìomhach na h‑Eiphit, agus bidh na Libianaich agus na h‑Etiopaich air a lorg.

Nuair a bha Israel na leanabh, an sin thug mise gràdh dha; agus a‑mach as an Eiphit ghairm mi mo mhac.

Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Fhathast tàrlaidh gun tig mòran dhaoine, agus luchd-àiteachaidh mòran bhailtean:

Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Anns na làithean sin tàrlaidh gun dèan deichnear greim, as uile chànainean nan cinneach, eadhon gun dèan iad greim air sgioball an tì a bhios na Iùdhach, ag ràdh, Thèid sinne leat, oir chuala sinn gu bheil Dia leibh.

Agus bha e an sin gu bàs Heroid, a‑chum gun coileante an nì a labhair an Tighearna leis an fhàidh, ag ràdh, A‑mach as an Èiphit ghairm mi mo Mhac.

Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean; oir cuartaichidh sibh muir agus tìr a‑chum aon duine a dhèanamh de ur creideamh fhèin; agus nuair a bhios e dèante, nì sibh mac ifrinn dheth dà uair nas mò na sibh fhèin.

Agus nuair a chaidh iad a‑mach, fhuair iad duine o Chirène, dom b’ainm Sìmon: esan cho-èignich iad a‑chum a chrann-ceusaidh-san a ghiùlan.

Agus dh’èignich iad duine àraidh a bha a’ dol seachad, Sìmon o Chirène (athair Alecsandair agus Rùfais, a bha a’ teachd as a’ mhachair), a‑chum a chrann-ceusaidh a ghiùlan.

Agus bha cuid dhiubh o Chìprus, agus o Chirène, dream air dhaibh dol a‑steach do Antioch, a labhair ris na Greugaich, a’ searmonachadh an Tighearna Iosa.

A‑nis bha anns an eaglais a bha aig Antioch, fàidhean, agus luchd-teagaisg àraidh; mar a tha Barnabas, agus Simeon ris an abrar Niger, agus Lucius o Chirène, agus Manaen, co‑alta Heroid an tetrarc, agus Saul.

Agus air gabhail luinge do Phòl agus da chuideachd o Phaphos, thàinig iad gu Perga na Pamphilia: agus air do Eòin am fàgail, thill e gu Ierusalem.

A‑nis nuair a sgaoil an coitheanal, lean mòran de na h‑Iùdhaich agus de na proselitich chràbhach Pòl agus Barnabas: agus labhair iadsan riu, agus chuir iad impidh orra buanachadh ann an gràs Dhè.

Agus an dèidh dhaibh dol tro Phisidia, thàinig iad gu Pamphilia.

Ach cha do mheas Pòl gum bu chòir dhaibh esan a dh’fhalbh uapa o Phamphilia, agus nach deachaidh maille riu a‑chum na h‑obrach, a thoirt leo.

A‑nis nuair a chaidh iad tro Phrigia, agus tìr Ghalàtia, agus a bhacadh dhaibh leis an Spiorad Naomh am facal a labhairt ann an Asia,

(Oir cha do chaith muinntir na h‑Aithne uile, agus na coigrich a bha air chuairt nam measg, an ùine ri nì air bith eile ach ri innse no ri cluinntinn nì‑eigin nuadh.)

Agus fhuair e Iùdhach àraidh dom b’ainm Acuila, a rugadh ann am Pontas, air ùr‑theachd as an Eadailt, maille ra mhnaoi Priscila (a chionn gun d’òrdaich Claudius do na h‑Iùdhaich uile an Ròimh fhàgail), agus thàinig e dan ionnsaigh.

Agus nuair a dh’fhan e rè tamaill an sin, dh’imich e, agus chaidh e ann an òrdagh tro thìr Ghalàtia uile agus Phrigia, a’ neartachadh nan deisciobal uile.

Muinntir Chrete, agus Aràbia, tha sinn gan cluinntinn a’ labhairt nar teangaidhean fhèin gnìomharan mòralach Dhè.

Agus air an oidhche na dhèidh sin, sheas an Tighearna làimh ris, agus thubhairt e, Biodh misneach mhath agad, a Phòil; oir mar a rinn thu fianais mum thimcheall-sa ann an Ierusalem, is amhail sin as èiginn dhut fianais a dhèanamh anns an Ròimh.

Agus nuair a sheòl sinn tron fhairge a tha làimh ri Cilicia agus Pamphilia, thàinig sinn gu Mira, baile de Licia.

Agus as a sin, air faotainn ar sgeòil do na bràithrean, thàinig iad nar coinneamh gu Apii-forum, agus Na Trì Taighean-òsda; agus nuair a chunnaic Pòl iad, thug e buidheachas do Dhia, agus ghabh e misneach.

Agus bha a’ chainnt seo taitneach an làthair na mòr-chuideachd uile: agus thagh iad Stèphen, duine làn de chreideamh, agus den Spiorad Naomh, agus Philip, agus Prochoras, agus Nicanor, agus Timon, agus Parmenas, agus Nicolas, proseliteach de mhuinntir Antioch;

An sin dh’èirich dream àraidh den t‑sionagog, ris an abrar sionagog nan Libertineach agus nan Cirènianach, agus de mhuinntir Alecsandria, agus na dream o Chilicia, agus on Asia, a’ deasbaireachd ri Stèphen.

Uime sin, a mheud is a tha an comas dhomh, tha mi ullamh a‑chum an soisgeul a shearmonachadh dhuibhse mar an ceudna a tha anns an Ròimh.

A‑chum nan uile a tha anns an Ròimh, air an gràdhachadh le Dia, air an gairm nan naoimh: Gràs gu robh dhuibhse, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd.

Ach nuair a bha e anns an Ròimh dh’iarr e a‑mach mi gu dìcheallach, agus fhuair e mi.

Agus bidh an cuirp mharbha nan laighe ann an sràid a’ bhaile mhòir, ris an abrar gu spioradail Sòdom agus an Eiphit, far mar an ceudna an do cheusadh ar Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan