Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 19:40

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir tha sinn ann an cunnart a bhith air ar n‑agairt airson ceannairc air an là‑an‑diugh, do bhrìgh nach eil cùis sam bith againn a dh’fhaodas sinn a thoirt seachad mar adhbhar a’ chruinneachaidh seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Nach tusa an t‑Eiphiteach sin a thog ceannairc ro na làithean seo, agus a thug leat don fhàsach ceithir mìle fear a bha nan luchd-mortaidh?

Agus nuair a b’àill leò a mharbhadh, chaidh sgeul a dh’ionnsaigh àrd-cheannard na cuideachd, gu robh Ierusalem uile thar a chèile:

Agus an dèidh don choghàir sgur, ghairm Pòl na deisciobail da ionnsaigh, agus air dha a chead a ghabhail dhiubh, thriall e gu dol do Mhacedònia.

Ach thubhairt iad, Na dèanamaid e anns an fhèill, air eagal gum bi buaireas am measg a’ phobaill.

Agus chuala Adoniah, agus na h‑aoighean uile a bha maille ris, e nuair a sguir iad a dh’ithe: agus nuair a chuala Ioab fuaim na trompaid, thubhairt e, Carson a tha fuaim seo a’ bhaile, agus e làn co‑ghàir?

Do bhrìgh gun do ghabh mòran os làimh eachdraidh a sgrìobhadh ann an òrdagh air na nithean sin a tha air an coileanadh nar measg-ne;

Ach ma tha ceist sam bith agaibh mu nithean eile, rèitichear sin ann an coitheanal dligheach.

Agus air dha seo a ràdh, sgaoil e an coitheanal.

Agus nuair a chuala Felics na nithean seo, air dha eòlas na bu choileanta a bhith aige air an t‑slighe sin, chuir e air dàil iad, ag ràdh, Nuair a thig Lisias an t‑àrd-cheannard a‑nuas, làn-rannsaichidh mi ur cùis.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan