Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 19:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir bha ceàrd-airgid àraidh dom b’ainm Demetrius ann, a bha a’ dèanamh teampaill airgid do Dhiàna, agus a thug buannachd nach bu bheag don luchd-ceàirde:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thàrladh, a’ dol dhuinne a‑chum ùrnaigh, gun do thachair oirnn banoglach àraidh aig an robh spiorad fiosachd, a thug mòr-bhuannachd da maighistirean le fiosachd a dhèanamh:

Agus nuair a chunnaic a maighistirean gun d’fhalbh dòchas am buannachd, rug iad air Pòl agus air Silas, agus tharraing iad don mhargadh iad, a‑chum nan uachdaran;

Agus air dha iadsan a chruinneachadh an ceann a chèile, agus a’ mhuinntir eile a bha a dh’aon cheàird riu, thubhairt e, Fheara, tha fhios agaibh gur ann on cheàird seo a tha ar beartas againne:

Uime sin ma tha aig Demetrius agus aig an luchd-ceàird a tha maille ris, cùis an aghaidh neach air bith, tha an lagh rèidh dhaibh, agus tha uachdarain ann; agradh iad a chèile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan