Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 19:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thubhairt e riu, An d’fhuair sibh an Spiorad Naomh o chreid sibh? Agus thubhairt iadsan ris, Cha chuala sinne uiread is gu bheil Spiorad Naomh ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

(Ach labhair e seo mun Spiorad, a bha iadsan a chreideadh annsan gu fhaghail: oir cha robh an Spiorad fhathast air a thabhairt, do bhrìgh nach robh Iosa fhathast air a ghlòrachadh.)

Am feadh a bha Peadar fhathast a’ labhairt nam briathran sin, thùirling an Spiorad Naomh orrasan uile a chuala am facal.

Agus nuair a chuala iad seo, bhaisteadh iad ann an ainm an Tighearna Iosa.

Agus tàrlaidh anns na làithean deireannach (arsa Dia), dòirtidh mise dem Spiorad air gach uile fheòil; agus nì ur mic agus ur nigheanan fàidheadaireachd, agus chì ur n‑òganaich seallaidhean, agus bruadaraidh ur seann daoine bruadair:

Oir tha dèidh agam air sibhse fhaicinn, ionnas gum pàirtich mi tìodhlac àraidh spioradail ribh, a‑chum ur neartachadh;

An e nach eil fhios agaibh gur e ur corp teampall an Spioraid Naoimh a tha annaibh, a tha agaibh o Dhia, agus cha leibh fhèin sibh?

An tì uime sin a tha a’ frithealadh dhuibh an Spioraid, agus ag obrachadh mhìorbhailean nur measg, an ann tre obraichean an lagha, no tre èisdeachd a’ chreidimh a nì e seo?

A‑nis cha b’aithne do Shamuel fhathast an Tighearna, agus cha d’fhoillsicheadh facal an Tighearna fhathast dha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan