Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 18:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thàinig Silas agus Timòteus o Mhacedònia, bha Pòl air a theannadh na spiorad, agus rinn e fianais do na h‑Iùdhaich gum b’e Iosa an Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

33 Iomraidhean Croise  

Nuair a their mi, Cha toir mi iomradh air, cha mhò a labhras mi tuilleadh na ainm; an sin tha e ann am chridhe mar gum b’e teine loisgeach, air a dhruideadh suas ann am chnàmhan; agus ged sgìthich mi mi fhèin ga chumail a‑steach, chan urrainn mi.

Air an adhbhar sin tha mise làn de chorraich an Tighearna: tha mi sgìth ga cumail a‑steach: dòirtidh mi a‑mach i air a’ chloinn anns na sràidean, agus air an òigridh a tha cruinn le chèile: seadh, glacar am fear, agus fòs a’ bhean, an t‑aosda, maille ris an tì bhios làn de làithean.

An sin thog an spiorad suas mi, agus thug e leis mi, agus dh’imich mi ann an searbhadas, ann an teas mo spioraid, ach bha làmh an Tighearna treun orm.

Ach gu deimhinn tha mise làn cumhachd, le spiorad an Tighearna, agus de bhreitheanas, agus de neart; a leigeadh ris a easaontais do Iàcob, agus a pheacaidh do Israel.

Ach tha baisteadh agam ri bhith air mo bhaisteadh leis, agus cionnas a tha mi air mo theannachadh gus an coileanar e!

Oir tha còignear bhràithrean agam; a‑chum gun toir e fianais dhaibh, air eagal gun tig iadsan mar an ceudna don ionad ro‑phiantach seo.

Fhuair esan air tùs a bhràthair fhèin Sìmon, agus thubhairt e ris, Fhuair sinne am Mesias, is e sin, air eadar-theangachadh, Crìosd.

An sin chruinnich na h‑Iùdhaich ma thimcheall, agus thubhairt iad ris, Cia fhad a chumas tu ar n‑anaman ann an amharas? Mas tu Crìosd, innis dhuinn gu follaiseach.

Agus nì sibhse fianais mar an ceudna, do bhrìgh gu bheil sibh maille rium o thùs.

Tha sibhse fhèin a’ toirt fianais dhòmhsa gun dubhairt mi, Cha mhi Crìosd, ach gun do chuireadh roimhe mi.

Agus dh’àithn e dhuinne searmonachadh don t‑sluagh, agus fianais a dhèanamh gur esan a dh’òrdaicheadh le Dia na bhritheamh air beò agus air marbh.

An sin chunnacas iomchaidh do na h‑abstoil, agus do na seanairean, maille ris an eaglais uile, daoine taghte dhiubh fhèin a chur gu Antioch, maille ri Pòl agus Barnabas; eadhon, Iùdas don co‑ainm Barsabas, agus Silas, daoine inbheach am measg nam bràithrean:

An sin thàinig e gu Derbe agus Listra: agus, feuch, bha deisciobal àraidh an sin, dom b’ainm Timòteus, mac mnà àraidh den chinneach Iùdhach a bha na creidmheach; ach bu Ghreugach a b’athair dha:

Agus o sin gu Philipi, ciad bhaile na cuid sin de Mhacedònia, agus b’ùr threabhachas e: agus bha sinn a chòmhnaidh anns a’ bhaile sin làithean àraidh.

Agus chunnacas sealladh le Pòl anns an oidhche. Sheas duine àraidh o Mhacedònia, agus ghuidh e air, ag ràdh, Thig thairis gu Macedònia, agus cuidich leinn.

Gam fosgladh agus a’ dearbhadh gum b’èiginn do Chrìosd fulang, agus èirigh a‑rìs o na mairbh: agus gur e an t‑Iosa seo a tha mise a’ searmonachadh dhuibh, Crìosd.

Oir le mòr-dhìcheall rinn e deasbaireachd ris na h‑Iùdhaich gu follaiseach, a’ dearbhadh leis na sgriobtairean gur e Iosa an Crìosd.

Uime sin biodh fios gu cinnteach aig taigh Israeil uile, gun do rinn Dia na Thighearna, agus na Chrìosd, an t‑Iosa seo fhèin, a cheus sibhse.

A’ dèanamh fianais araon do na h‑Iùdhaich, agus do na Greugaich, mu aithreachas a‑thaobh Dhè, agus mu chreideamh a‑thaobh ar Tighearna Iosa Crìosd.

Ach a‑mhàin gu bheil an Spiorad Naomh a’ dèanamh fianais anns gach baile, ag ràdh gu bheil gèimhlean agus trioblaidean a’ feitheamh orm.

Ach chan eil suim agam de nì air bith, cha mhò a tha mi a’ meas m’anama fhèin luachmhor dhomh, a‑chum gun crìochnaich mi mo thuras le aoibhneas, agus gun coilean mi a’ mhinistrealachd a fhuair mi on Tighearna Iosa, a dhèanamh fianais do shoisgeul gràs Dhè.

Oir chan eil e an comas dhuinne gun na nithean a chunnaic agus a chuala sinn a labhairt.

Ach bu mhò a neartaicheadh Saul, agus chuir e gu amhluadh na h‑Iùdhaich a bha a chòmhnaidh ann an Damascas, a’ dearbhadh gur e seo an Crìosd.

Oir Mac Dhè, Iosa Crìosd, a shearmonaicheadh nur measg-se leinne, eadhon leamsa, agus le Siluanus, agus le Timòteus, cha robh e na sheadh agus na chan eadh, ach annsan bha seadh.

Agus nuair a bha mi an làthair maille ribh agus uireasbhaidh orm, cha do leig mi mo throm air duine sam bith: oir leasaich na bràithrean a thàinig o Mhacedònia m’uireasbhaidh: agus anns na h‑uile nithean choimhead mi mi fhèin om throm a leigeil oirbhse; agus coimheadaidh.

Oir tha gràdh Chrìosd gar co‑èigneachadh, air dhuinn breithneachadh mar seo, ma fhuair a h‑aon bàs airson nan uile, gu robh na h‑uile marbh:

Oir tha mi air mo theannachadh eadar dhà nì, air dhomh a bhith togarrach air siubhal, agus a bhith maille ri Crìosd: oir is e seo as ro‑fheàrr:

Agus chuir sinn Timòteus, ar bràthair agus ministear Dhè, agus ar co‑obraiche ann an soisgeul Chrìosd, a‑chum sibhse a dhaingneachadh, agus comhfhurtachd a thoirt dhuibh mu thimcheall ur creidimh;

Ach a‑nis nuair a thàinig Timòteus uaibhse dar n‑ionnsaigh-ne, agus a thug e deagh sgeul dhuinn mur creideamh agus ur gràdh, agus gu bheil cuimhne mhath agaibh oirnne a‑ghnàth, a’ miannachadh gu mòr sinne fhaicinn, amhail a tha sinne mar an ceudna a’ miannachadh sibhse fhaicinn:

Le Siluanus, bràthair dìleas (a rèir mo bharail-sa), sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh gu h‑aithghearr, a’ teagasg, agus a’ dèanamh fianais, gur e seo fìor-ghràs Dhè, anns a bheil sibh nur seasamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan