Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 18:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thagair e anns an t‑sionagog gach aon là sàbaid, agus chuir e impidh air Iùdhaich agus Greugaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Nì Dia Iàphet farsaing, agus còmhnaichidh e ann am bùthan Sheim; agus bidh Canàan na sheirbhiseach dha.

Nach eil Heseciah gur comhairleachadh sibh fhèin a thoirt thairis gu bàs le gorta agus le tart, ag ràdh, Saoraidh an Tighearna ar Dia sinn à làimh rìgh Asiria?

Agus thubhairt e ris, Mura èisd iad ri Maois agus ris na fàidhean, cha mhò a chreideas iad, ged èireadh neach o na mairbh.

Agus thàinig e gu Nàsaret, far an d’àraicheadh e: agus chaidh e a‑steach, mar a bu ghnàth leis, air là na sàbaid don t‑sionagog, agus dh’èirich e na sheasamh a‑chum leughaidh.

An sin thubhairt na h‑Iùdhaich eatorra fhèin, Càit an tèid am fear seo, nach faigh sinn e? An tèid e a‑chum na muinntir a tha air an sgapadh am measg nan Greugach, agus an teagaisg e na Greugaich?

Ach air dhaibhsan imeachd o Pherga, thàinig iad gu Antioch na Pisidia, agus chaidh iad a‑steach don t‑sionagog air là na sàbaid, agus shuidh iad.

Agus thàrladh ann an Iconium gun deachaidh iad araon a‑steach do shionagog nan Iùdhach, agus gun do labhair iad air chor is gun do chreid cuideachd mhòr de na h‑Iùdhaich, agus mar an ceudna de na Greugaich.

Bha iad sin na b’uaisle na muinntir Thesalonìca, oir ghabh iad am facal dan ionnsaigh leis an uile thogradh, a’ rannsachadh nan sgriobtar gach aon là, a dh’fheuchainn an robh na nithean sin mar sin.

Air an adhbhar sin rinn e deasbaireachd ris na h‑Iùdhaich, agus ris na daoine cràbhach anns an t‑sionagog, agus air a’ mhargadh gach là riùsan a thachair air.

Ag ràdh, Tha an duine seo a’ comhairleachadh dhaoine adhradh a dhèanamh do Dhia an aghaidh an lagha.

Agus thàinig e gu Ephesus, agus dh’fhàg e iadsan an sin: ach chaidh e fhèin a‑steach don t‑sionagog, agus reusonaich e ris na h‑Iùdhaich.

Os bàrr, tha sibh a’ faicinn agus a’ cluinntinn gu bheil am Pòl seo le a chomhairle air tionndadh air falbh sluagh mòr, chan ann a‑mhàin ann an Ephesus, ach cha mhòr anns an Asia uile, ag ràdh nach diathan iad a nìthear le làmhan:

Agus chaidh esan a‑steach don t‑sionagog, agus labhair e gu dàn rè trì mìosan, a’ deasbaireachd agus a’ comhairleachadh nan nithean a bhuineas do rìoghachd Dhè.

An sin thubhairt Agripa ri Pòl, Is beag nach eil thu gam aomadh gu bhith am Chrìosdaidh.

Agus air suidheachadh là ris, thàinig mòran da ionnsaigh gu a àite-còmhnaidh; don do mhìnich e rìoghachd Dhè, a’ dèanamh fianais uimpe, agus a’ cur impidh orra a‑thaobh nan nithean a bhuineas do Iosa, araon à lagh Mhaois, agus as na fàidhean, o mhoch-thràth gu feasgar.

Agus air ball shearmonaich e Iosa anns na sionagogan, gur esan Mac Dhè.

Uime sin, air dhuinn fios a bhith againn air uamhas an Tighearna, tha sinn a’ cur impidh air daoine; ach tha sinn follaiseach do Dhia, agus tha dòchas agam mar an ceudna gu bheil sinn air ar dèanamh follaiseach nur cogaisean-se.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan