Leig dhuinn dol, guidheamaid ort, gu Iòrdan, agus bheir gach fear againn sail as a sin, agus nì sinn dhuinn fhèin an sin àite gu còmhnaidh a ghabhail ann. Agus fhreagair esan, Rachaibh.
Agus ri saothair, ag obrachadh le ar làmhan fhèin: air fulang ana-cainnt dhuinn, tha sinn a’ beannachadh: nuair a gheur-leanar sinn tha sinn ga fhulang:
Ach cha do ghnàthaich mise a h‑aon dhiubh seo, agus cha do sgrìobh mi na nithean seo, a‑chum gun dèante mar sin dhomh: oir b’fheàrr dhomh am bàs fhaghail, na gun cuireadh neach air bith m’uaill ann an neo-bhrìgh.
Ciod i mo dhuais, mas eadh? Eadhon seo, a‑chum nuair a tha mi a’ searmonachadh an t‑soisgeil, gun suidhichinn soisgeul Chrìosd gun chosdas, a‑chum nach mì‑ghnàthaichinn mo chumhachd anns an t‑soisgeul.
An do rinn mi cionta le mi fhèin ìsleachadh a‑chum gum biodh sibhse air ur n‑àrdachadh, no a chionn gun do shearmonaich mi soisgeul Dhè an asgaidh dhuibh?
Agus nuair a bha mi an làthair maille ribh agus uireasbhaidh orm, cha do leig mi mo throm air duine sam bith: oir leasaich na bràithrean a thàinig o Mhacedònia m’uireasbhaidh: agus anns na h‑uile nithean choimhead mi mi fhèin om throm a leigeil oirbhse; agus coimheadaidh.
Oir ciod an nì anns an robh sibh na bu lugha na eaglaisean eile, mura e nach do leig mi fhèin mo throm oirbh? Thugaibh maitheanas dhomh anns an eucoir seo.
Oir is cuimhne leibh, a bhràithrean, ar saothair, agus ar sgìos: oir air dhuinn a bhith ri obair a dh’oidhche agus a là, a‑chum nach cuireamaid trom air neach sam bith agaibh, shearmonaich sinn dhuibh soisgeul Dhè.
Agus gun dèan sibh ur dìcheall a bhith ciùin, agus ur gnothaichean fhèin a dhèanamh, agus a’ saothrachadh le ur làmhan fhèin (amhail a dh’àithn sinne dhuibh);