Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 18:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig e gu tìr aig Cesarèa, agus air dha dol suas agus fàilte a chur air an eaglais, chaidh e sìos gu Antioch.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus bha duine àraidh ann an Cesarèa, dom b’ainm Cornelius, ceannard-ceud den chuideachd ris an abrar a’ chuideachd Eadailteach,

Agus air an là màireach chaidh iad a‑steach do Chesarèa: agus bha Cornelius a’ feitheamh riu, agus air gairm a luchd-dàimh agus a chàirdean dìleas an ceann a chèile.

Agus, feuch, air ball bha triùir dhaoine air teachd a‑chum an taighe anns an robh mi, a chuireadh o Chesarèa am ionnsaigh.

A‑nis bha anns an eaglais a bha aig Antioch, fàidhean, agus luchd-teagaisg àraidh; mar a tha Barnabas, agus Simeon ris an abrar Niger, agus Lucius o Chirène, agus Manaen, co‑alta Heroid an tetrarc, agus Saul.

Agus sheòl iad as a sin gu Antioch, an t‑àit on d’earbadh iad ri gràs Dhè, a‑chum na h‑obrach a choilean iad.

Agus sgrìobh iad litrichean leo air an dòigh seo, Tha na h‑abstoil, agus na seanairean, agus na bràithrean, a’ cur beannachd a‑chum nam bràithrean de na Cinnich a tha ann an Antioch, agus ann an Siria, agus ann an Cilicia:

Uime sin nuair a leigeadh uapa iad, thàinig iad gu Antioch: agus air cruinneachadh an t‑sluaigh dhaibh, thug iad seachad an litir.

Dh’fhan Pòl mar an ceudna agus Barnabas ann an Antioch, a’ teagasg agus a’ searmonachadh facal an Tighearna, maille ri mòran eile mar an ceudna.

Agus nuair a thàinig iad gu Ierusalem, ghabhadh riu leis an eaglais, agus na h‑abstoil, agus na seanairean, agus dh’innis iad meud nan nithean a rinn Dia leòsan.

Agus ghairm e da ionnsaigh dà cheannard-ceud, agus thubhairt e, Ullaichibh dà cheud saighdear a thèid gu Cesarèa, agus deich agus trì-fichead marcach, agus dà cheud fear-sleagha, air an treas uair den oidhche.

A‑nis nuair a thàinig Festus don mhòr-roinn, an ceann trì làithean chaidh e suas o Chesarèa gu Ierusalem.

Ach air a bhith do Fhestus togarrach air toileachas-inntinn a thoirt do na h‑Iùdhaich, fhreagair e Pòl, agus thubhairt e, An àill leat dol suas gu Ierusalem, agus an sin dol fo bhreitheanas a‑thaobh nan nithean sin nam làthair-sa?

Ach fhuaireadh Philip ann an Asotos: agus shearmonaich e anns na bailtean uile, a’ dol tron dùthaich, gus an tàinig e gu Cesarèa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan