Agus nuair a bha Pòl a’ dol a dh’fhosgladh a bheòil, thubhairt Galio ris na h‑Iùdhaich, Nam b’eucoir no droch ghnìomh a bhiodh ann, O Iùdhacha, bu reusonta gun giùlaininn leibh:
Neach a tha comasach air truas a ghabhail ris an dream a tha aineolach, agus air seachran: do bhrìgh gu bheil e fhèin mar an ceudna air a chuartachadh le anfhainneachd:
Oir nan dèanadh an neach a thig Iosa eile a shearmonachadh nach do shearmonaich sinne, no nam faigheadh sibhse spiorad eile nach d’fhuair sibh, no soisgeul eile ris nach do ghabh sibh, dh’fhaodadh sibh gu math giùlan leis.
Oir chan eil uachdarain nan adhbhar eagail do dheagh obraichean, ach do dhroch obraichean. Uime sin, am miann leat a bhith gun eagal an uachdarain ort? Dèan am math, agus gheibh thu cliù uaithe.
Mu nach eil nì sam bith cinnteach agam ri sgrìobhadh a‑chum mo thighearna. Uime sin thug mi a‑mach e dur n‑ionnsaigh-sa, a rìgh Agripa, a‑chum an dèidh rannsachadh a dhèanamh, gum biodh agam nì‑eigin ri sgrìobhadh.
Oir ma tha mi a’ dèanamh eucoir, agus ma rinn mi nì sam bith a thoill bàs, chan eil mi a’ diùltadh bàs fhulang: ach mura eil nì sam bith dhiubh sin fìor a tha iad seo a’ cur as mo leth, chan fhaod duine sam bith mo thoirt thairis dhaibh. Tha mi a’ togail mo chùis gu Cèasar.
Ach thubhairt Pòl, Is duine mise a tha am Iùdhach gun amharas, o Tharsas, saor-dhuine de bhaile ro‑inbheach ann an Cilicia: agus guidheam ort, thoir cead dhomh labhairt ris an t‑sluagh.
Ach fhreagair esan, agus thubhairt e ris, O chinnich gun chreideamh, cia fhad a bhios mi maille ribh? Cia fhad a dh’fhuilingeas mi sibh? Thugaibh e am ionnsaigh.
Thubhairt e, O thusa a tha làn den uile cheilg, agus den uile dhroch-bheairt, a mhic an diabhail, a nàmhaid na h‑uile fhìreantachd, nach sguir thu a dh’fhiaradh slighean dìreach an Tighearna?