Ach mas ceist a tha ann mu thimcheall fhacal agus ainmean, agus ur lagha fhèin, amhaircibh fhèin air a sin; oir chan àill leamsa a bhith am bhritheamh air an leithid sin de nithean.
Ag èigheach, Fheara Israeil, cuidichibh: is e seo an duine a tha a’ teagasg nan uile dhaoine anns gach àit an aghaidh a’ phobaill, agus an lagha, agus an àite seo: agus os bàrr, thug e a‑steach Greugaich don teampall, agus shalaich e an t‑ionad naomh seo.
Nuair a fhreagair esan ga shaoradh fhèin, Cha do rinn mi cionta sam bith an aghaidh lagh nan Iùdhach, no an aghaidh an teampaill, no an aghaidh Chèasair.
Agus chuir iad suas fianaisean brèige, a thubhairt, Chan eil an duine seo a’ sgur de labhairt bhriathran toibheumach an aghaidh an ionaid naoimh seo, agus an lagha.