Agus threòraich luchd-coimheadachd Phòil e gu baile na h‑Àithne; agus air faghail òrdaigh dhaibh gu Silas agus Timòteus, iad a theachd da ionnsaigh-san mar a bu luaithe, dh’imich iad romhpa.
Agus chreid Crispus, prìomh-uachdaran an t‑sionagoig, anns an Tighearna, maille ra theaghlach uile: agus chreid mòran de na Corintianaich, air dhaibh èisdeachd ris, agus bhaisteadh iad.
Agus thàrladh, nuair a bha Apollos ann an Corintus, air do Phòl dol tro na crìochan uachdarach, gun tàinig e gu Ephesus. Agus air faotainn dheisciobal àraidh,
A‑chum eaglais Dhè, a tha ann an Corintus, a‑chum an dream a tha air an naomhachadh ann an Iosa Crìosd, air an gairm gu bhith nan naoimh, maille riùsan uile a tha a’ gairm air ainm ar Tighearna Iosa Crìosd anns gach àite, an Tighearna-san, agus ar Tighearna-ne:
Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, agus Timòteus, ar bràthair, a‑chum eaglais Dhè a tha ann an Corintus, maille ris na h‑uile naoimh a tha ann an Achaia uile: