Agus chuir iad buaireas fon t‑sluagh, agus fo uachdarain a’ bhaile, nuair a chuala iad na nithean seo.
Nuair a chuala Herod an rìgh sin, bha e fo thrioblaid, agus Ierusalem uile maille ris.
Agus nuair a bheir iad sibh a‑chum nan sionagog, agus nan uachdaran, agus nan daoine cumhachdach, na biodh e na ro‑chùram oirbh cionnas no ciod a fhreagras sibh, no ciod a their sibh:
Ma leigeas sinn leis air an dòigh seo, creididh na h‑uile dhaoine ann; agus thig na Ròmanaich, agus sgriosaidh iad ar n‑àite, agus ar cinneach.
Don tug Iàson aoidheachd: agus tha iad seo uile a’ cur an aghaidh òrdagh Chèasair, ag ràdh gu bheil rìgh eile ann, eadhon Iosa.
Agus nuair a ghabh iad urras o Iàson, agus o chàch, leig iad uapa iad.