Agus chreid cuid dhiubh, agus lean iad ri Pòl agus ri Silas: agus de na Greugaich chràbhach buidheann mhòr, agus de na mnathan inbheach, àireamh nach bu bheag.
Agus bidh mòran chinneach air an cur ris an Tighearna anns an là sin, agus bidh iad nan sluagh dhòmhsa: agus gabhaidh mise còmhnaidh ann ad mheadhon; agus bidh fhios agad gun do chuir Tighearna nan sluagh mise ad ionnsaigh.
An sin thubhairt na h‑Iùdhaich eatorra fhèin, Càit an tèid am fear seo, nach faigh sinn e? An tèid e a‑chum na muinntir a tha air an sgapadh am measg nan Greugach, agus an teagaisg e na Greugaich?
A‑nis nuair a sgaoil an coitheanal, lean mòran de na h‑Iùdhaich agus de na proselitich chràbhach Pòl agus Barnabas: agus labhair iadsan riu, agus chuir iad impidh orra buanachadh ann an gràs Dhè.
Ach bhrosnaich na h‑Iùdhaich na mnathan cràbhach agus urramach, agus daoine uaisle na cathrach, agus thog iad geur-leanmhainn an aghaidh Phòil agus Bharnabais, agus thilg iad a‑mach as an crìochan iad.
Agus thàrladh ann an Iconium gun deachaidh iad araon a‑steach do shionagog nan Iùdhach, agus gun do labhair iad air chor is gun do chreid cuideachd mhòr de na h‑Iùdhaich, agus mar an ceudna de na Greugaich.
An sin chunnacas iomchaidh do na h‑abstoil, agus do na seanairean, maille ris an eaglais uile, daoine taghte dhiubh fhèin a chur gu Antioch, maille ri Pòl agus Barnabas; eadhon, Iùdas don co‑ainm Barsabas, agus Silas, daoine inbheach am measg nam bràithrean:
Bha toil aig Pòl am fear seo a dhol a‑mach maille ris; agus ghabh e agus thimcheall-gheàrr e e, airson nan Iùdhach a bha anns na h‑àitean sin: oir bha fhios aca uile gum bu Ghreugach athair.
Agus air ball chuir na bràithrean Pòl agus Silas anns an oidhche gu Berèa: agus air teachd dhaibhsan an sin, chaidh iad a‑steach do shionagog nan Iùdhach.
Air an adhbhar sin rinn e deasbaireachd ris na h‑Iùdhaich, agus ris na daoine cràbhach anns an t‑sionagog, agus air a’ mhargadh gach là riùsan a thachair air.
Gidheadh lean cuid de dhaoine ris, agus chreid iad. Nam measg seo bha Dionisius an t‑Areopagach, agus bean dom b’ainm Damaris, agus dream eile maille riu.
Ag èigheach, Fheara Israeil, cuidichibh: is e seo an duine a tha a’ teagasg nan uile dhaoine anns gach àit an aghaidh a’ phobaill, agus an lagha, agus an àite seo: agus os bàrr, thug e a‑steach Greugaich don teampall, agus shalaich e an t‑ionad naomh seo.
Agus nuair a leigeadh as iad, thàinig iad a dh’ionnsaigh am muinntir fhèin, agus dh’innis iad na h‑uile nithean a thubhairt na h‑àrd-shagartan, agus na seanairean, riu.