Gam fosgladh agus a’ dearbhadh gum b’èiginn do Chrìosd fulang, agus èirigh a‑rìs o na mairbh: agus gur e an t‑Iosa seo a tha mise a’ searmonachadh dhuibh, Crìosd.
Agus thubhairt iad ri chèile, Nach robh ar cridhe a’ lasadh annainn, am feadh a bha e a’ labhairt rinn air an t‑slighe, agus nuair a dh’fhosgail e dhuinn na sgriobtairean?
Agus thubhairt e riu, Is iad seo na briathran a labhair mi ribh, nuair a bha mi fhathast maille ribh, gur èiginn do na h‑uile nithean a tha sgrìobhte ann an lagh Mhaois, agus anns na fàidhean, agus anns na sailm mum thimcheall-sa, a bhith air an coileanadh.
Agus nuair a thàinig Silas agus Timòteus o Mhacedònia, bha Pòl air a theannadh na spiorad, agus rinn e fianais do na h‑Iùdhaich gum b’e Iosa an Crìosd.
O Ghalàtianacha amaideach, cò a chuir draoidheachd oirbh, ionnas nach biodh sibh umhail don fhìrinn, don robh Crìosd air a nochdadh gu soilleir fa chomhair ur sùl, air a cheusadh nur measg?