An sin air seasamh do Phòl ann am meadhon Areopagais, thubhairt e, A mhuinntir na h‑Aithne, tha mi a’ faicinn gu bheil sibh anns na h‑uile nithean cràbhach thar tomhas:
Agus threòraich luchd-coimheadachd Phòil e gu baile na h‑Àithne; agus air faghail òrdaigh dhaibh gu Silas agus Timòteus, iad a theachd da ionnsaigh-san mar a bu luaithe, dh’imich iad romhpa.
Gidheadh lean cuid de dhaoine ris, agus chreid iad. Nam measg seo bha Dionisius an t‑Areopagach, agus bean dom b’ainm Damaris, agus dream eile maille riu.
Agus nuair a chiùinich an clèireach an sluagh, thubhairt e, Fheara Ephesuis, cò an duine aig nach eil fhios gu bheil baile nan Ephèsianach a’ dèanamh adhraidh don bhan-dia mhòir Diàna, agus don dealbh a thuit a‑nuas o Iupiter?
Ach thug iad ceistean àraidh na aghaidh mu thimcheall an creidimh fhèin, agus mu thimcheall Iosa àraidh, a fhuair bàs, neach a thubhairt Pòl a tha beò.