Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 17:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

(Oir cha do chaith muinntir na h‑Aithne uile, agus na coigrich a bha air chuairt nam measg, an ùine ri nì air bith eile ach ri innse no ri cluinntinn nì‑eigin nuadh.)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus threòraich luchd-coimheadachd Phòil e gu baile na h‑Àithne; agus air faghail òrdaigh dhaibh gu Silas agus Timòteus, iad a theachd da ionnsaigh-san mar a bu luaithe, dh’imich iad romhpa.

A‑nis am feadh a bha Pòl a’ feitheamh riu anns an Aithne, bha a spiorad air a bhrosnachadh ann, do bhrìgh gum faca e am baile làn iodhal-adhraidh.

Oir tha thu a’ toirt nithean àraidh neo-ghnàthach a‑chum ar cluasan: b’àill leinn uime sin fios fhaotainn ciod as ciall dhaibh sin.

Phrigia, agus Phamphilia, na h‑Eiphit, agus crìochan na Libia timcheall Chirène, agus coigrich on Ròimh, Iùdhaich agus proselitich.

Ag ath-cheannach na h‑aimsir, do bhrìgh gu bheil na làithean olc.

Gluaisibh ann an gliocas a‑thaobh na dream sin a tha an leth a‑muigh, ag ath-cheannach na h‑aimsir.

Agus os bàrr, fòghlamaidh iad a bhith dìomhanach, a’ dol mun cuairt o thaigh gu taigh; agus chan e a‑mhàin dìomhanach, ach mar an ceudna bruidhneach, agus a’ gabhail gnothaich ris na nithean nach buin dhaibh, a’ labhairt nithean nach bu chòir dhaibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan