Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 17:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mar a bu ghnàth le Pòl, chaidh e a‑steach dan ionnsaigh, agus air trì làithean sàbaid reusonaich e riu as na sgriobtairean,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Thigibh a‑nis, agus tagramaid ri chèile, deir an Tighearna; ged robh ur peacaidhean mar an sgàrlaid, bidh iad geal mar an sneachd; ged robh iad dearg mar chorcar, bidh iad mar olainn.

Gu deimhinn tha Mac an Duine ag imeachd, a rèir mar tha e sgrìobhte ma thimcheall: ach is an‑aoibhinn don duine sin lem brathar Mac an Duine: bu mhath don duine sin mura beirte riamh e.

Agus thàinig e gu Nàsaret, far an d’àraicheadh e: agus chaidh e a‑steach, mar a bu ghnàth leis, air là na sàbaid don t‑sionagog, agus dh’èirich e na sheasamh a‑chum leughaidh.

Fhreagair Iosa e, Labhair mise gu follaiseach ris an t‑saoghal; theagaisg mi a‑ghnàth anns an t‑sionagog, agus anns an teampall, far a bheil na h‑Iùdhaich a’ cruinneachadh as gach àit; agus am falach cha do labhair mi nì air bith.

Ach air dhaibhsan imeachd o Pherga, thàinig iad gu Antioch na Pisidia, agus chaidh iad a‑steach don t‑sionagog air là na sàbaid, agus shuidh iad.

Agus air dhaibh a bhith ann an Salamis, shearmonaich iad facal Dhè ann an sionagogan nan Iùdhach: agus bha mar an ceudna Eòin aca mar fhear-frithealaidh.

Agus thàrladh ann an Iconium gun deachaidh iad araon a‑steach do shionagog nan Iùdhach, agus gun do labhair iad air chor is gun do chreid cuideachd mhòr de na h‑Iùdhaich, agus mar an ceudna de na Greugaich.

Agus air ball chuir na bràithrean Pòl agus Silas anns an oidhche gu Berèa: agus air teachd dhaibhsan an sin, chaidh iad a‑steach do shionagog nan Iùdhach.

Air an adhbhar sin rinn e deasbaireachd ris na h‑Iùdhaich, agus ris na daoine cràbhach anns an t‑sionagog, agus air a’ mhargadh gach là riùsan a thachair air.

Agus thagair e anns an t‑sionagog gach aon là sàbaid, agus chuir e impidh air Iùdhaich agus Greugaich.

Agus chaidh esan a‑steach don t‑sionagog, agus labhair e gu dàn rè trì mìosan, a’ deasbaireachd agus a’ comhairleachadh nan nithean a bhuineas do rìoghachd Dhè.

Agus air dhàsan a bhith a’ reusonachadh mu fhìreantachd, stuaim, agus breitheanas ri teachd, ghabh Felics eagal mòr, agus fhreagair e, Imich romhad an tràth seo; nuair a bhios ùine agam, cuiridh mi fios ort.

Agus air suidheachadh là ris, thàinig mòran da ionnsaigh gu a àite-còmhnaidh; don do mhìnich e rìoghachd Dhè, a’ dèanamh fianais uimpe, agus a’ cur impidh orra a‑thaobh nan nithean a bhuineas do Iosa, araon à lagh Mhaois, agus as na fàidhean, o mhoch-thràth gu feasgar.

An sin dh’fhosgail Philip a bheul, agus a’ tòiseachadh on sgriobtar sin, shearmonaich e Iosa dha.

Agus air ball shearmonaich e Iosa anns na sionagogan, gur esan Mac Dhè.

Oir thug mi dhuibh air tùs an nì a fhuair mi mar an ceudna, gun d’fhuair Crìosd bàs airson ar peacaidhean a rèir nan sgriobtar:

A‑nis uime sin seasaibh, a‑chum gun toir mi breith oirbh an làthair an Tighearna, a‑thaobh uile ghnìomharan cearta an Tighearna, a rinn e dhuibhse agus dur n‑athraichean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan