Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 17:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis am feadh a bha Pòl a’ feitheamh riu anns an Aithne, bha a spiorad air a bhrosnachadh ann, do bhrìgh gum faca e am baile làn iodhal-adhraidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt esan, Bha mi ro‑eudmhor airson an Tighearna, Dia nan slògh: oir thrèig clann Israeil do choicheangal, thilg iad sìos d’altairean, agus mharbh iad d’fhàidhean leis a’ chlaidheamh; agus dh’fhàgadh mise a‑mhàin, agus tha iad ag iarraidh m’anama, a‑chum a thoirt air falbh.

Agus thubhairt esan, Bha mi ro‑eudmhor airson an Tighearna, Dia nan slògh: oir thrèig clann Israeil do choicheangal, thilg iad sìos d’altairean, agus mharbh iad d’fhàidhean leis a’ chlaidheamh; agus dh’fhàgadh mise a‑mhàin, agus tha iad ag iarraidh m’anama, a‑chum a thoirt air falbh.

Ruith sruthan dheur sìos om shùilean, a chionn nach do choimhead iad do lagh.

Chunnaic mi luchd-easaontais, agus bha doilgheas orm, a chionn nach do choimhead iad d’fhacal.

Oir dh’ith eud do thaighe suas mi, agus ormsa thuit toibheum na muinntir sin a thug toibheum dhutsa.

Nuair a their mi, Cha toir mi iomradh air, cha mhò a labhras mi tuilleadh na ainm; an sin tha e ann am chridhe mar gum b’e teine loisgeach, air a dhruideadh suas ann am chnàmhan; agus ged sgìthich mi mi fhèin ga chumail a‑steach, chan urrainn mi.

Ach gu deimhinn tha mise làn cumhachd, le spiorad an Tighearna, agus de bhreitheanas, agus de neart; a leigeadh ris a easaontais do Iàcob, agus a pheacaidh do Israel.

Agus nuair a dh’amhairc e mun cuairt orra le feirg, air dha a bhith duilich airson cruas an cridhe, thubhairt e ris an duine, Sìn a‑mach do làmh. Agus shìn e a‑mach i; agus rinneadh slàn i mar an làmh eile.

Agus bha càisg nan Iùdhach am fagas; agus chaidh Iosa suas gu Ierusalem,

Agus threòraich luchd-coimheadachd Phòil e gu baile na h‑Àithne; agus air faghail òrdaigh dhaibh gu Silas agus Timòteus, iad a theachd da ionnsaigh-san mar a bu luaithe, dh’imich iad romhpa.

(Oir cha do chaith muinntir na h‑Aithne uile, agus na coigrich a bha air chuairt nam measg, an ùine ri nì air bith eile ach ri innse no ri cluinntinn nì‑eigin nuadh.)

Oir air dhomh a bhith dol seachad, agus ag amharc air ur nithean naomha, fhuair mi altair air an robh an sgrìobhadh seo, DON DIA NEO-AITHNICHTE. Uime sin esan dom bheil sibh a’ dèanamh adhraidh gun eòlas agaibh air, is e a tha mise a’ searmonachadh dhuibh.

An dèidh nan nithean seo, dh’fhàg Pòl baile na h‑Aithne, agus thàinig e gu Corintus;

Agus a‑nis feuch, tha mi a’ dol gu Ierusalem ceangailte anns an spiorad, gun fhios agam ciod iad na nithean a thàrlas dhomh an sin;

Air an adhbhar sin, nuair nach b’urrainn sinn cumail oirnn fhèin na b’fhaide, bu taitneach leinn a bhith air ar fàgail nar n‑aonar ann am baile na h‑Aithne:

Agus gun do shaor e Lot am fìrean, a bha fo champar le caitheamh-beatha neòghlain nan aingidh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan