Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 17:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach nuair a thuig na h‑Iùdhaich o Thesalonìca gun do shearmonaicheadh facal Dhè le Pòl ann am Berèa, thàinig iad an sin mar an ceudna, a’ brosnachadh an t‑sluaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Ach cha robh neach ann cosmhail ri Ahab, a reic e fhèin a dhèanamh uilc ann an sùilean an Tighearna, do bhrìgh gun do chuir a bhean Iesebel thuige e.

Dùisgidh fear feargach connsachadh; ach esan a tha mall a‑chum feirge, ciùinichidh e aimhreit.

An tì aig a bheil cridhe àrdanach, dùisgidh e strì; ach esan a dh’earbas as an Tighearna, nìthear sultmhor e.

Ach is an‑aoibhinn dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean, do brìgh gu bheil sibh a’ druideadh rìoghachd nèimh an aghaidh dhaoine: oir cha tèid sibh fhèin a‑steach, agus chan fhuiling sibh don dream a tha a’ dol a‑steach dol ann.

A bheil sibh a’ saoilsinn gun tàinig mise a thoirt sìth air an talamh? Chan eadh, tha mi ag ràdh ribh, ach aimhreit.

Ach bhrosnaich na h‑Iùdhaich mhì-chreidmheach, agus lìon iad de dhroch rùn, inntinn nan Cinneach an aghaidh nam bràithrean.

A‑nis air dhaibh imeachd tro Amphipolis, agus Apolònia, thàinig iad gu Tesalonìca, far an robh sionagog aig na h‑Iùdhaich:

Agus air ball chuir na bràithrean Pòl agus Silas anns an oidhche gu Berèa: agus air teachd dhaibhsan an sin, chaidh iad a‑steach do shionagog nan Iùdhach.

Ach air do na h‑Iùdhaich mhì-chreidmheach a bhith air am brosnachadh le eud, ghabh iad dan ionnsaigh droch dhaoine àraidh de na corraibh-margaidh, agus air tional cuideachd mhòir dhiubh, chuir iad am baile uile thar a chèile, agus chuartaich iad taigh Iàsoin, agus dh’iarr iad an toirt a‑mach a‑chum an t‑sluaigh.

Agus chaidh na chuideachd gu Asia, Sopater o Bherèa; agus de mhuinntir Thesalonìca, Aristarchus agus Secundus; agus Gaius o Dherbe, agus Timòteus; agus de mhuinntir na h‑Asia, Tichicus agus Trophimus.

Agus nuair a bha na seachd làithean ach beag air an coileanadh, air do na h‑Iùdhaich on Asia esan fhaicinn anns an teampall, bhrosnaich iad am poball uile, agus chuir iad làmh ann.

Agus dhùisg iad suas an sluagh, agus na seanairean, agus na sgrìobhaichean, agus thàinig iad air, agus ghlac iad e, agus thug iad an làthair na comhairle e.

Ann an turasan gu minig, ann an gàbhadh aibhnichean, ann an cunnartan fhear-reubainn, ann an cunnartan om chinneach fhèin, ann an cunnartan o na Cinnich, ann an cunnartan anns a’ bhaile, ann an cunnartan anns an fhàsach, ann an cunnartan anns an fhairge, ann an cunnartan am measg bhràithrean breugach;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan