Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 17:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis air dhaibh imeachd tro Amphipolis, agus Apolònia, thàinig iad gu Tesalonìca, far an robh sionagog aig na h‑Iùdhaich:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus thàrladh ann an Iconium gun deachaidh iad araon a‑steach do shionagog nan Iùdhach, agus gun do labhair iad air chor is gun do chreid cuideachd mhòr de na h‑Iùdhaich, agus mar an ceudna de na Greugaich.

Oir tha aig Maois o na linntean cian anns gach baile daoine a tha ga shearmonachadh, air dha a bhith air a leughadh gach là sàbaid anns na sionagogan.

Agus air là na sàbaid chaidh sinn a‑mach as a’ bhaile ri taobh aibhne, far am b’àbhaist ùrnaigh a bhith air a dèanamh; agus air dhuinn suidhe, labhair sinn ris na mnathan a chruinnicheadh an sin.

Agus air ball chuir na bràithrean Pòl agus Silas anns an oidhche gu Berèa: agus air teachd dhaibhsan an sin, chaidh iad a‑steach do shionagog nan Iùdhach.

Bha iad sin na b’uaisle na muinntir Thesalonìca, oir ghabh iad am facal dan ionnsaigh leis an uile thogradh, a’ rannsachadh nan sgriobtar gach aon là, a dh’fheuchainn an robh na nithean sin mar sin.

Ach nuair a thuig na h‑Iùdhaich o Thesalonìca gun do shearmonaicheadh facal Dhè le Pòl ann am Berèa, thàinig iad an sin mar an ceudna, a’ brosnachadh an t‑sluaigh.

Agus chaidh na chuideachd gu Asia, Sopater o Bherèa; agus de mhuinntir Thesalonìca, Aristarchus agus Secundus; agus Gaius o Dherbe, agus Timòteus; agus de mhuinntir na h‑Asia, Tichicus agus Trophimus.

Agus air dhuinn dol air luing le Adramitium, thog sinn ar siùil, a’ cur romhainn seòladh seachad air crìochan na h‑Asia, air do Aristarchus, Macedònach o Thesalonìca, a bhith maille rinn.

Oir eadhon ann an Tesalonìca chuir sibh aon uair agus a‑rìs am ionnsaigh leasachadh dom uireasbhaidh.

Pòl, agus Siluanus, agus Timòteus, a‑chum eaglais nan Tesalònianach, a tha ann an Dia an t‑Athair, agus anns an Tighearna Iosa Crìosd: gràs dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd.

Ach fòs air dhuinn fulang roimhe, agus an dèidh ar maslachaidh ann am Philipi, mar as aithne dhuibh, bha dànachd againn nar Dia soisgeul Dhè a labhairt ribhse ann am mòr-ghleac.

Pòl, agus Siluanus, agus Timòteus a‑chum eaglais nan Tesalònianach, ann an Dia ar n‑Athair, agus anns an Tighearna Iosa Crìosd:

Oir thrèig Dèmas mi, air dha an saoghal seo a tha an làthair a ghràdhachadh, agus chaidh e do Thesalonìca; Crescens do Ghalàtia, Tìtus do Dhalmàtia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan