Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 16:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mar sin bha na h‑eaglaisean air an daingneachadh anns a’ chreideamh, agus mheudaicheadh iad gach là ann an àireamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh iad a‑mach gu fàsach Thecòa: agus nuair a bha iad a’ dol a‑mach, sheas Iehosaphat agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, a Iùdah, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim: Creidibh anns an Tighearna ur Dia, agus daingnichear sibh; creidibh a fhàidhean, agus soirbhichidh sibh.

Ged as e ceann Ephraim Samaria, agus ceann Shamaria mac Remaliah. Mura creid sibh, gu cinnteach cha bhi sibh seasmhach.

Agus bha làmh an Tighearna maille riu: agus chreid àireamh mhòr, agus thill iad a‑chum an Tighearna.

Ach dh’fhàs facal an Tighearna agus mheudaicheadh e.

Agus shiubhail e tro Shiria agus Chilicia, a’ daingneachadh nan eaglaisean.

A’ moladh Dhè, agus deagh-ghean aca on t‑sluagh uile. Agus chuir an Tighearna gach là ris an eaglais an dream a thèarnar.

Gidheadh chreid mòran dhiubh-san a chuala am facal: agus b’e àireamh nan daoine timcheall còig mìle.

Agus is mò a chuireadh creidmhich ris an Tighearna, buidheann mhòr araon de fhir agus de mhnathan:

Agus dh’fhàs facal Dhè; agus mheudaicheadh àireamh nan deisciobal gu ro‑mhòr ann an Ierusalem; agus bha cuideachd mhòr de na sagartan umhail don chreideamh.

An sin bha fois aig na h‑eaglaisean tro Iudèa uile, agus Ghalile, agus Shamaria, agus air dhaibh a bhith air an togail suas, agus a’ siubhal ann an eagal an Tighearna, agus ann an comhfhurtachd an Spioraid Naoimh, mheudaicheadh gu mòr iad.

A‑nis dhàsan a tha comasach air sibhse a dhaingneachadh a rèir mo shoisgeil-sa agus searmonachadh Iosa Crìosd (a rèir foillseachadh a rùin-diamhair, a bha am falach o thoiseach an domhain,

Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, bithibh-se daingeann, neo-ghluasadach, a’ sìor mheudachadh ann an obair an Tighearna, air dhuibh fios a bhith agaibh nach eil ur saothair dìomhain anns an Tighearna.

Uime sin seasaibh gu daingeann anns an t‑saorsa leis an do rinn Crìosd saor sinn, agus na bithibh a‑rìs air ur cuibhreachadh le cuing na daorsa.

Uime sin mar a ghabh sibh dur n‑ionnsaigh an Tighearna Iosa Crìosd, gluaisibh ann:

A‑chum gun daingnich e ur cridheachan neo-choireach ann an naomhachd am fianais Dhè, eadhon ar n‑Athar-ne, aig teachd ar Tighearna Iosa Crìosd maille ra naoimh uile.

Agus chuir sinn Timòteus, ar bràthair agus ministear Dhè, agus ar co‑obraiche ann an soisgeul Chrìosd, a‑chum sibhse a dhaingneachadh, agus comhfhurtachd a thoirt dhuibh mu thimcheall ur creidimh;

A‑nis gun tugadh ar Tighearna Iosa Crìosd e fhèin, agus Dia, eadhon ar n‑Athair-ne, a ghràdhaich sinn, agus a thug dhuinn sòlas sìorraidh, agus dòchas math tre ghràs,

Na bithibh air ur giùlan mun cuairt le teagasgan eugsamhail coimheach: oir is math an nì an cridhe a bhith air a dhaingneachadh le gràs, chan ann le biadhan, nithean nach tug tairbhe don dream a ghnàthaich iad.

Ach gun dèanadh Dia fhèin nan uile ghràs, a ghairm sinne a‑chum a ghlòire shìorraidh tre Iosa Crìosd, an dèidh dhuibh fulang rè ùine bhig, iomlan sibh; gun daingnicheadh, gun neartaicheadh, gun socraicheadh e sibh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan