Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 16:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mar a shiubhail iad tro na bailtean, thug iad dhaibh na h‑òrdaighean rin coimhead, a dh’òrdaicheadh leis na h‑abstoil agus na seanairean a bha ann an Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Nì mar an ceudna a rinn iad, agus chuir iad e a‑chum nan seanairean le làimh Bharnabais agus Shauil.

Uime sin air do Phòl agus do Bharnabas connsachadh agus deasbaireachd nach bu bheag a bhith aca riu, dh’òrdaich iad Pòl agus Barnabas, agus dream àraidh eile dhiubh fhèin, a dhol suas a‑chum nan abstol agus nan seanairean gu Ierusalem mu thimcheall na ceiste seo.

Agus nuair a thàinig iad gu Ierusalem, ghabhadh riu leis an eaglais, agus na h‑abstoil, agus na seanairean, agus dh’innis iad meud nan nithean a rinn Dia leòsan.

Agus thàinig na h‑abstoil agus na seanairean an ceann a chèile a dh’fheuchainn mun chùis seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan